Cead do bhùth ùr a' Ghearasdain

  • 23 An t-Ogmhìos 2015
An Gearasdan Image copyright Chris Downer/Geograph
Image caption Tha oifigich Chomhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun toireadh bùth ùr M&S buannachdan dhan Ghearasdan.

Thug comhairlichean cead seachad airson bùth ùr M&S sa Ghearasdan.

Bidh a' bhùth stèidhichte aig leasachadh ùr air Rathad a Tuath sa bhaile.

Fhuair a' chompanaidh, Morbaine, cead an-uiridh airson leasachaidh luach £10m aig an làraich is iad ag ràdh gun gabhadh suas ri 150 cosnadh maireannach a stèidheachadh.

Chaidh dearbhadh mar thà gum bi bùithean aig Aldi is Home Bargains aig an làraich.

Buannachdan

Thuirt oifigich na Comhairle gun toireadh bùth M&S buannachdan dhan sgìre agus, le Tesco air plana 'son bùth a thogail aig a' Bhlàr Mhòr a tharraing, gu bheil àite ann airson leasachaidh eile.

Thathas an dùil gun tòisich obair-togail tràth an ath-bhliadhna agus gum bi na bùithean fosgailte ro àm na Nollaige.

Chuir fear de chomhairlichean Loch Abar, Bill Clark, fàilte air a' cho-dhùnadh.

Thuirt Mgr Clark gun deach stad a chur air leasachaidhean bùtha eile sa Ghearasdan rona seo, le call dhan sgìre, is gur e cothrom a tha san leasachadh seo na "mearachdan" sin a chur ceart.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile