Ceannard an Fhoghlaim ga fìrineachadh

  • 23 An t-Ogmhìos 2015

Thàinig Coimisean Riaghlaidh nam Modhan Poblach dhan cho-dhùnadh nach do rinn Cathraiche an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar, Catriona Stiùbhart, dad ceàrr sa co-chomhairleachadh air dùnadh Àrd-Sgoil Lìonail ann an Nis.

Bha pàrantan a' gearain gun robh i ga giùlain fhèin ann an dòigh nach robh iomchaidh, agus gun tug i fiosrachadh ceàrr seachad mu fhoghlam aig an sgoil.

Dùinidh Àrd-Sgoil Lìonail - an àrd-sgoil dà bhliadhna mu dheireadh anns na h-Eileanan Siar - aig deireadh na seachdain seo.