Tubaist mhairbhteach air an A9

  • 23 An t-Ogmhìos 2015

Dhearbh na Poilis gun deach fireannach, 23, a mharbhadh ann an tubaist-rathaid air an A9 Diluain.

Thachair an tubaist eadar ceithir carbadan aig an Aghaidh Mhòir dìreach às dèidh 3:00f.

Bha làraidh airm, làraidh HGV, làraidh chàraichean is càr an lùib na tubaiste.

Chaidh grunn dhaoine a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir is bha an rathad dùinte fad 14 uairean de thìde fhad 's bha na Poilis a' rannsachadh.

Cha deach an duine a chaill a bheatha ainmeachadh fhathast.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile