Bùth ùr san amharc sa Ghearasdan

  • 22 An t-Ogmhìos 2015
An Gearasdan Image copyright Chris Downer/Geograph
Image caption Tha oifigich Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun toireadh bùth ùr M&S buannachdan dhan Ghearasdan.

Thathas a' moladh do chomhairlichean cead a thoirt seachad airson bùth ùr M&S sa Ghearasdan.

Bhiodh a' bhùth stèidhichte air Rathad a Tuath sa bhaile.

Fhuair a' chompanaidh, Morbaine, cead an-uiridh airson leasachadh aig an làraich is iad ag ràdh gun gabhadh suas ri 150 cosnadh maireannach a stèidheachadh.

Chaidh dearbhadh mar-thà gum bi bùithean aig Aldi is Home Bargains aig an làraich is a-nise tha oifigich Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh gun tèid cead a thoirt do M&S fear de na h-aonadan a chleachdadh.

Buannachdan

Thuirt iad gum biodh buannachdan ann dhan sgìre agus, le Tesco air plana 'son bùth a thogail aig a' Bhlàr Mhòr a tharraing, gu bheil àite ann airson leasachadh eile.

Thuirt Morbaine gu bheil an dòchas gun tòisich obair air an leasachadh trath an ath-bhliadhna is gum biodh na bùithtean fosgailte aig àm na Nollaige 2016.

Beachdachaidh Comataidh Dealbhachaidh a Chinn a Deas air an iarrtas aig coinneimh Dimàirt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile