Mòd Ionadail Inbhir Nis

  • 19 An t-Ogmhìos 2015
Prògram a' Mhòid
Image caption Bidh am Mòd a' ruith thairis air dà là

Tha dùil ri mu 1000 farpaiseach aig Mòd Ionadail Inbhir Nis a bhios a' ruith Dihaoine agus Disathairne.

Bidh clann-sgoile agus inbhich bho air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean - eadar na Lochan ann an Leòdhas agus Baile Ùr an t-Sleibh. - a' gabhail pàirt ann.

Thuirt Cathraiche na comataidh ullachaidh, Tormod MacAoidh, gu bheil àireamh nam farpaiseach air a bhith ag èirigh thairis air na còig bliadhna a dh'fhalbh, 's gu h-àraidh bho ghluais iad am Mòd gu Talla Eden Court.

Tha e dhen bheachd gu bheil am fàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhealtachd cuideachd air togail a thoirt dha.

"Tha na sgoiltean Gàidhlig, agus an teagasg a tha iad a' faighinn tro mheadhan na Gàidhlig - tha sin air piseach mòr a dhèanamh air na tha a' gabhail pàirt".

Thuirt e an-uiridh, nuair a bha am Mòd Nàiseanta Rioghail ann an Inbhir Nis, gu robh e an dùil nach biodh Mòd ionadail aca idir am bliadhna leis nach biodh uiread de dh'fharpaisich ann ach nach b' e sin a thachair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile