Àrdaichidh NHS na Gàidhealtachd cosgaisean siubhail

  • 18 An t-Ogmhìos 2015
Soidhne Ospadail an Ràthaig Mhòir
Image caption Feumaidh cuid de dh'euslaintich air Ghàidhealtachd astar mòr a shiubhail dhan ospadal.

Cho-dhùin NHS na Gàidhealtachd an t-airgead a gheibh euslaintich a dh'fheumas siubhal dhan ospadal àrdachadh gu 15sg gach mìle.

Chaidh an suim ìsleachadh bho 18sg gu 13sg sa Mhàirt, a rèir chomhairle bho Riaghaltas na h-Alba agus Oifis nan Cìsean.

A-nis ge-tà, às dèidh ghearainnean bho dhaoine ann an sgìrean iomallach, tha iad air aontachadh a chur suas gu 15sg.

Chosg NHS na Gàidhealtachd còrr is £3m air cosgaisean siubhail do dh'euslaintich an-uiridh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile