Fear a thuit a' toirt na Comhairle gu lagh

  • 17 An t-Ogmhìos 2015
Mìcheal Dòmhnallach Image copyright Ciaran Donnelly
Image caption Thuit Mìcheal Dòmhnallach ann an 2011 an Loch Baghasdail nuair a bha na solais-sràide dheth, a' briseadh adhbrann.

Tha fireannach a bhrist adhbrann às dèidh dha tuiteam san dorchadas a' toirt Comhairle nan Eilean Siar gu lagh.

Thuirt Mìcheal Dòmhnallach à Uibhist a Deas gun robh e glè chinnteach nach biodh e air tuiteam nam biodh na solais-sràide air aig an àm.

Thuit e ann an Loch Baghasdail fhad 's a bha e a' coiseachd dhachaigh ann an uairean beaga na maidne air an 27mh den t-Samhain, 2011.

Bhrist e adhbrann is e ag ràdh gu bheil e a' cur dragh air fhathast.

Thuirt e nach tug Comhairle nan Eilean Siar rabhadh seachad gun robh am poileasaidh air solais-sràide ag atharrachadh, is nam biodh fios aige ro-làimhe, gum biodh e air toirds a thoirt leis.

Tha e ag iarraidh £20,000 ann an airgead-dìolaidh bhon chomhairle.

Tha an t-ughdarras a' dol às àicheadh gur iadsan a bu choireach gun do thuit e, agus tha a' chùis ann an Cùirt an t-Sèisein a' leantainn.