Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

16 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum an EU

Dh'fheuch Daibhidh Camshroin ri ar-a-mach a sheachnadh ann an Taigh nan Cumantan le gealltanas nach bidh referendum an Aonaidh Eòrpaich ann air an aon latha ri taghaidhean eile, air a' chòigeamh latha den Chèitean an ath-bhliadhna. 'S ann air an latha sin a bhios taghaidhean ann airson Parlamaid na h-Alba, Seanaidhean na Cuimrigh agus Èirinn a' Tuath, taghaidhean comhairle ionadail ann an Sasainn, Alba agus a' Chuimrigh, a bharrachd air taghadh a Mhayor ann an Lunnain. Bidh deasbad air a' bhile ann an Taigh nan Cumantan an-diugh.

Luchd siridh comraich

Bidh deasbad aig coinneamh ann an Luxembourg an-diugh air plana Choimisein na h-Eòrpa son luchd siridh comraich, a thig tron a' Mhuir Mheadhan Thìreach, a roinn eadar diofar dhùthchanan an EU. Tha cuid de dhùthchanan a' cuir an aghaidh siostam cuota agus tha Breatainn ag ràdh nach gabh i pàirt idir ann an sgeama ùr.

Teaghlaichean a dhìth à Bradford

Tha polais ann am Bradford an-sàs ann an iomairt mhòr airson sgeul fhaighinn air triùir pheathraichean agus an naoinear cloinne agus dragh ann gun deach iad còmhla ri feachdan IS ann an Siria. Tha seachdainn ann a-niste bho bhruidhinn iad rin teaghlach mu dheireadh agus iad an dèidh a bhith air turas gu Saudi Arabia.

Foghlam Gàidhlig

Thuirt ceannard Bhòrd na Gaidhlig, Iain Caimbeul, nach eil esan, aig an ìre seo co-dhiu, a' toirt priomhachas do chòirichean laghail do phàrantan air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Chuireadh Bile ùr an Fhoghlaim dleastanas air ùghdarrasan ionadail Ionad Foghlam Gàidhlig a' stèidheachadh nuair a dh'iarradh pàrantan sin. Ach thuirt Mgr Caimbeul, agus e a' toirt fianais do bhuill ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh, ged 's e sin rud air am bheil iad ag amas air a cheann thall gur e leudachadh agus neartachadh air a' chànan as cudthromaiche dhaibh an-dràsta.

Dragh mu shiubhail ospadail an Ìle

Tha gearainean ann an Ìle mu atharrachadh ann am polasaidh NHS na Gàidhealtachd a tha a-niste ag iarraidh air daoine siubhal air an aiseag agus air an rathad mhòr dhan ospadal ann an Glaschu, ach mur a bi èiginn ann. B'àbhaist do dh'euslaintich ann an Ìle pleàna fhaighinn air ais 's air adhart a Ghlaschu air an aon latha. Tha dragh air cuid gu faodadh polasaidh ùr NHS na Gàidhealtachd fad trì latha de shiubhal fhàgail air cuid.

Cumhachd ath-nuadhachail

Tha rannsachadh a' rinn Cumhachd Ionadail na h-Alba ag ràdh gu bheil tuathan-gaoithe a' cur cha mhòr naoi millean not a h-uile bliadhna ri pròiseactan coimhearsnachd ann an Alba agus thuirt iad gur e sin an t-suim as àirde riamh. Thuirt Scottish Renewables gu bheil na figearan sin a' dearbhadh cho cudthromach 's a tha pròiseactan uaine do choimhearsnachdan air feadh Alba agus gu h-àraid do sgìrean iomallach.