Cha bhi FAI ann mu bhàs Uilleim MhicRath

  • 16 An t-Ogmhìos 2015

Thuirt Oifis a' Chrùin nach tèid rannsachadh thubaist bhàsmhor a chumail mu bhàs an fhir-lagh, Uilleam MacRath, air taobh siar na Gàidhealtachd bho chionn 30 bliadhna.

Chaochail Mgr MacRath, a bha a' cur taic làidir ris an SNP, an dèidh dhan chàr aige dhol far an rathaid faisg air Inbhir Garadh.

Fhuair e bàs bho pheilear san eanchainn.

Chaidh co-dhùnadh gun do chur e làmh na bheatha fhèin.

Thèid ath-chuinge le 12,000 ainm a chuir gu Oifis a' Chrùin Diciadain ag iarraidh gun tèid rannsachadh tubaist bhàsmhor a chumail.