Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

15 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Lan smachd ionmhais

Dhearbh Riaghaltas Westminster gun diùlt iad gabhail ri moladh an SNP gus làn smachd air ionmhas a thoirt do dh'Alba. Bheireadh an t-atharrach cothrom do Holyrood FFA a chur an sàs aig àm sam bi a thogradh a' Phàrlamaid. Thuirt Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, gur e "bùrach" a bh'anns na planaichean - agus gum biodh a h-uile teaghlach ann an Alba còig mìle not na bu mhiosa dheth nam faigheadh an SNP an toil. Ach, bha Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, ag ràdh gun dèanadh tuilleadh chumhachdan feum do dh'eaconomaidh na h-Alba.

Dewsbury

Tha ceannardan coimhearsnachd ann an Dewsbury air a bhith ag ràdh gun chur e iongnadh mòr orra gun do rinn balach seachd bliadhna deug a dh'aois às a' bhaile ionnsaigh fèin-mhairbhteach do IS ann an Iorac. Tha dùil gur e Talha Asmal am Breatannach às òige a-riamh a rinn speadhadh fèin-mhairbhteach.

Ceinia

Tha dùil gun dearbh deuchainnean forensic gun robh Breatannach am measg aon duine deug de bhuill al-Shabab a chaidh a mharbhadh ann an Ceinia an-dè. Dh'atharraich Tòmas Evans ainm gu Abdul Hakim agus thuirt e ri a theaghlach gun deach e na bhall anns a' bhuidhinn Islamaich à Somalia ann an 2012.

Cal Mac

Tha dùil ri dearbhadh bho aonadh an RMT an t-seachdainn-sa, mu cùin a tha na buill aca a tha ag obair do Chal Mac, a' dol air stailc. Tha eas-aonta ann leis a' chompanaidh air modhan-obrach, peinnseanan agus tèarainteachd chosnaidh. Chuireadh taic ri stailc ann am baileat an t-seachdainn-sa chaidh.

Meàirle

Tha còignear fhireannach air aideachadh gun do ghabh iad pàirt ann an rèidean ann an Glaschu is Dùn Èideann an-uiridh. Ghoid Aaron Brannan, Jason Britton agus Jason Yendall - uile à Manchester agus anns na ficheadan - uaireadairean bho bhùth sheudraidh Rox an Glaschu anns an t-Sultain an-uiridh. Chaidh an lorg an Dùn Èideann, far an deach dithis fhireannach eile - Alasdair Oliver, deich bliadhna fichead agus Gòrdon Mac an Lèigh, dhà dheug thar fhichead, fhaicinn le uaireadairean a chaidh a ghoid.

Chaidh sùil a chumail orra - agus cealla-deug às dèidh dha na poilis tòiseachadh gan leantainn, bha cuid aca an sàs ann an rèid air banca le RBS an Dùn Èideann.