Beagan mhìosan fhathast mus fhaighear sealbh air Oighreachd Bharabhais

  • 15 An t-Ogmhìos 2015
Barabhas Image copyright BBC (Geograph/Vanhercke Christiaan)
Image caption Bhòt muinntir Bharabhais anns a Ghearran airson an oighreachd a cheannach

Bheir e beagan mhìosan fhathast mus gabh Urras Sgìre Bharabhais a-null an fhearainn, a-rèir chathraiche an Urrais, Aonghas MacLeòid.

Chaidh ainmeachadh an t-seachdainn-sa chàidh gun d'fhuair an t-urras £715,000 bho Stòras an Fhearainn, 's airgead gu leòr aca a-nis airson an fhearainn agus na còirichean seilge a tha an cois na h-oighreachd a cheannachd.

Cha bhi e nan comas ge-tà na còirichean iasgaich a cheannachd.

"Chan eil sinn a' faighinn airgid gu leòr airson an iasgach a cheannachd - tha sin gu math daor seach gur e loch math 's abhainn mhath bhradain a tha seo - an t-àite as fheàrr a th' anns an eilean airson bradain", thuirt e.

Dh'fheumadh iad faisg air £700,000 eile, thuirt e, mus deigheadh aca air na còirichean iasgaich fhaighinn cuideachd.

Tha luchd-lagh na buidhne-stiùiridh a' còmhradh ri luchd-lagh na h-oighreachd airson na cùmhnantan aontachadh agus, nuair a thèid sin a chriochnachadh, thèid là a stèidheachadh airson an talamh a chuir fo smachd na coimhearsnachd.

"S e là mòr a bhios an sin cuideachd - 's dòcha gum bi rudeigin mar bhanais againn an seo" thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo