Spadadh bhradan ga iarraidh

  • 12 An t-Ogmhìos 2015

Tha luchd-iomairt ag ràdh gu feum rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn mar a tha mialan-mara a' sgapadh aig tuathanasan-èisg ann an Loch Thoirbheartain.

Tha Comann nam Bradan agus nam Breac, a tha a' riochdachadh iasgairean-slait, ag ràdh gum bu chòir do Riaghlatas na h-Alba mòran èisg a spadadh aig tuathanasan far a bheil trioblaid mhòr le mialan-mara.

Thuirt an Comann gun sheall aithisg oifigeil gu bheil an àireamh de mhialan-mara air ceithir tuathanasan-èisg ann an Loch Thoirbheartain fichead uimhir an àireamh as àirde a tha an gnìomhachas a' moladh.

Thuirt Guy Linley Adams bhon bhuidhinn gu bheil èisg fhiadhaich ann an cunnart.

Ach, chaidh Scott Landsburgh, an t-àrd oifigear aig Buidheann Luchd-àraich Bhradan na h-Alba às àicheadh sin.

Ged a bhios mialan-mara a' fàs nas cumanta aig amannan, thuirt e gum bi tuathanasan-èisg a' dèiligeadh riutha agus gu bheil làn smachd aca air na tha iad a' dèanamh.