Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

RBS

Tha am partaidh Làbarach a' cumail a-mach gum bi luchd-pàighidh chìsean amharasach ma tha cabhag sam bith ann airson Banca Rìoghail na h-Alba a thuilleadh air ais dhan roinn phriobhaidich. Tha neach-labhairt eaconomaiceach an SNP ann an Westminster, Stiùbhart Hosie, cuideachd ag ràdh gum bu chòir dhan t-seansalair prìomhachas a thoirt do dh'aonta a bhios na bhuannachd dhan a' phoball. Tha Seòras Osbourne air innse gun reic e na h-earrainean RBS, a cheannaich an Riaghaltas bho chionn seachd bliadhna airson am banca a chumail gun a dhol fodha. Phàigh an riaghaltas aig Gòrdain Brown dà fhichead sa dhà billean not air an son. Aig prìs an latha an-diugh tha luach dà dheug thar fhichead billean not sna h-earrainnean.

Ceannairc

A rèir neach-sgrùdaidh neo-eisimeileach an riaghaltais air reachdas cheannairc, bu chòir lagh ùr a dhealbhachadh a chumas smachd air mar a tha na seirbheisean tèarainteachd a' brathadh air conaltradh air-loidhne. Tha an aithisg aig Daibhidh MacAnndrais ag ràdh gu bheil am freamh-laghail a th'againn an-dràsta luideach agus doilleir. Tha dùil gun toir Rùnaire Oifis Roinn na Dùthcha, Theresa May, iomradh air co-dhunaidhean na h-aiseig ann an Taigh nan Cumantan a dh'aithghearr.

Casaid moirt

Nochd boireannach sa chùirt ann an Grianaig fo chasaid gun do mhurt i boireanach eile ann am Port Ghlaschu. Chaidh poilis a ghairm gu seòladh air Glen Avenue goirid as dèidh meadhan oidhche madainn DhiMàirt, far an d'fhuair iad boireannach, aois trì fichead 'sa trì, agus i air a droch ghoirteachadh ann an clobhsa. Chaidh a toirt dhan ospadal, ach chaochail i goirid as dèidh sin. Cha do rinn Sadie Bale, aois trì bliadhna deug thar fhichead, tagradh sam bith agus chaidh a cumail an grèim.

Bile na h-Alba

Chuir an SNP iarratas air adhart airson Bile na h-Alba atharrachadh, agus iad airson 's gun tèid slàn chumhachdan ionmhais a thoirt do Phàrlamaid Holyrood. Fon atharachadh bhiodh cìsean, iasadan agus prògraman caiteachais an urra ri Pàrlamaid na h-Alba. Tha na Nàiseantaich cuideachd an dùil tuilleadh atharrachaidhean a chuir air adhart 'son smachd fhaighinn air an tuarastal bunaiteach agus sochairean sòisealta ann an Alba.

Ionnsaigh

Chaidh fear, aois naoi bliadhna fichead, a chuir an grèim le poilis air a' Ghàidhealtachd co-cheangailte ri ionnsaigh dhrabasda ann an Inbhirnis aig toiseach na seachdain. Thachair an ionnsaigh air Eileanan Abhainn Nis faisg air Sraid Bruaich na h-Aibhne mu chòig mionaidean gu naoi oidhche Luain. Tha dùil gun nochd an duine ann an Cùirt an t-Siorraidh anns a bhaile an-diugh fhathast.

Malaysia

Thuirt athair ban Bhreatannach a chaidh a chuir an grèim ann am Malaysia gu bheil I duilich gun tug I dhith a h-aodach air beinn naomh ann am Borneo. Dh'fhaodadh a-nis gun tèid casaidean neo-bheusachd a chuir as leth Eleanor Hawkins, aois trì bliadhna fichead à Derby. Thuirt a h-athair, Tim Hawkins, gun robh an nighean aige a' tuigsinn gun robh i air a bhi gòrach agus eas-urramach.