Ann Widdecombe a' dol gu fèis

  • 9 An t-Ogmhìos 2015
Ann Widdecombe
Image caption Bhruidhnidh Ann Widdecombe mu a beatha air falbh bho phoileataigs agus mar a chaidh i air prògraman telebhisein samhail Strictly Come Dancing agus Doctor Who.

Bidh Ann Widdecombe, a bha na Ball-Pàrlamaid Tòraidheach, aig Fèis Leabhraichean agus Ealain Inbhir Narann.

Bhruidhnidh i mu a beatha air falbh bho phoileataigs agus mar a chaidh i air prògraman telebhisein samhail Strictly Come Dancing agus Doctor Who.

Bidh Ronnie Browne bho na Corries agus na h-ùghdarran Christopher Brookmyre agus Lesley Riddoch cuideachd aig an fhèis.

Bidh an fhèis ann eadar 1-6 an t-Sultain.

Tha i air a bhith a' dol 12 bliadhna a-nis.