Cupa MhicThàmhais an Inbhir Nis

  • 11 An t-Ogmhìos 2015
Pàirce a' Bhucht
Image caption Bidh Gleann Urchadain an dòchas gun tèid nas fheàrr leotha Disathairne na chaidh anns na geamaichean mòra aca aig a' Bhucht an-uiridh.

Bidh a' chiad chuairt dheireannach mhòr ann an seusan na h-iomain ann Disathairne is Bail' Ùr an t-Slèibh a' dol an aghaidh Ghlinn Urchadain airson Chupa MhicThàmhais.

Thèid am Bail' Ùr a-steach dhan gheama ann an sunnd is iad ann an suidheachadh làidir aig mullach na Prìomh Lìge, agus iad air adhartas a dhèanamh thuige seo ann an Cupa MhicAmhlaidh is Cupa na Camanachd, a bharrachd air a' chuairt dheireannach seo a ruighinn.

Tha iad air sin uile a dhèanamh ged a tha iad tric air a bhith às aonais cuid de na cluicheadairean as fheàrr a th' aca.

Tha gu leòr iomain ri chluich thar nam mìosan ri teachd, ach tha fios gum bi aona shùil aig a' Bhail' Ùr mar-thà air na duaisean air fad a bhuannachadh.

Chòrdadh e riutha tòiseachadh le Cupa MhicThàmhais oir ged a tha eachdraidh air leth aig a' chluba san fharpais, chan eil iad air a bhuannachadh ach trì tursan san 25 bliadhna a chaidh seachad.

B' e an turas mu dheireadh 2012 nuair a rinn iad an gnothach 5-1 air Loch Abar.

Measgaichte

Ma 's e is gur e eachdraidh car measgaichte a tha sin airson cluba cho cliùteach ri Bail' Ùr an t-Slèibh, 's ann nas miosa buileach a tha gnothaichean do Ghleann Urachdain nach do bhuannaich Cupa MhicThàmhais a-riamh.

Ràinig an Gleann a' chuirt dheireannach trì tursan bho 2000 is trì tursan tha iad air call, 6-1 ri Ceann a' Ghiuthsaich an 2008, air slaicean-peanais an aghaidh Lòbhait ann an 2013 agus an uair sin 5-1 an-uiridh, a-rithist an aghaidh Lòbhait.

Ged a tha an Gleann air adhartas mòr a dhèanamh anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, tha na geamaichean sin, agus mar a chaill iad 4-0 ri Ceann a' Ghiuthsaich ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd an-uiridh, air beagan de sgleò a chur air cùisean dhaibh.

Tha iad am measg ghlè bheag de sgiobaidhean a tha air dèanamh meadhanach math an aghaidh a' Bhail' Ùir anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, ach leis mar a tha an dà sgioba a' cluich air an t-seusan seo, is eachdraidh dhoirbh a' Ghlinne anns na geamaichean mòra bho chionn ghoirid, 's iongantach mura bi Cupa MhicThàmhais air ais ann am Bàideanach oidhche Shathairne.

Tòisichidh an geama mòr aig Pàirce a' Bhucht aig 4f is ro-làimh bidh cuairt dheireannach na h-òigridh ann eadar Camanachd an Eilein Sgitheanaich is a' Mhanachainn aig 1f.

Beò

Mura h-eil cothrom agaibh a bhith ann bidh geama a' Bhail' Ùir is a' Ghlinne beò air BBC ALBA Disathairne.

Bidh trì gheamaichean ann sa Phrìomh Lìog Disathairne cuideachd.

Cuiridh Lòbhat fàilte air Ceann Loch Seile, bidh Loch Abar an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich an Drochaid an Aonachain, is thèid An Gearasdan sìos gu bruachan Loch Fìn 'son a dhol an aghaidh Inbhir Aora.

Ann an Lìog Tuath 2 bidh na Leòdhasaich air an rathad a-rithist is iad a' tadhail air Cabair Fèidh.

Tillidh Scott Moireach ach bidh na h-eileanaich às aonais Dhonnchaidh Mhic an t-Saoir a tha air a ghoirteachadh.

Tòisichidh an geama sin aig Caisteal Leòid aig 2f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile