Fuasgladh "sàbhailteachd" ga iarraidh

  • 8 An t-Ogmhìos 2015

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba fuasgladh fhaighinn do shuidheachadh sheach-rathad an t-Sròim air adhbharan sàbhailteachd.

Thuirt Rhoda Ghrannd BPA gum bu chòir don Riaghaltas airgead a chur a dh'ionnsaigh slighe nas sàbhailte, 's i ag ràdh gur e deagh fhortan a th' ann a-mhàin nach deach duine a mharbhadh ann.

Thuirt labhraiche an Riaghaltais gu bheil iad a' bruidhinn ri Comhairle na Gàidhealtachd mun chùis, 's gum biodh airgead sam bith an urra ri airgead a bhith ri fhaotainn ann am planaichean buidseat san àm ri teachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo