"Chan eil a' Ghàidhlig a' crìonadh sna sgoiltean"

  • 5 An t-Ogmhìos 2015
A' Ghàidhlig
Image caption Sheall rannsachadh gu bheil na tha de luchd-ionnsachaidh a' dèanamh deuchainnean Gàidhlig sna sgoiltean air tuiteam 20%.

Chaidh Ministear an Ionnsachaidh 's nan Cànan aig Holyrood às àicheadh gu bheil a' Ghàidhlig a' crìonadh mar chuspair sgoile fon SNP.

Bha Alasdair Allan a' freagairt casaid bho leas-cheannard nan Làbarach, Kezia Dugdale, 's i air Riaghaltas na h-Alba a chàineadh a thaobh rannsachaidh a sheall gun do thuit an àireamh sgoilearan a bha a' dèanamh agus a' soirbheachadh ann an cànain, a' Ghàidhlig nam measg, bho chaidh siostam nan deuchainn atharrachadh.

"Chan eil i ceart sin a ràdh o chionn 's gu bheil an t-uabhas a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig anns na sgoiltean," thuirt an Dr. Allan.

"Tha e fìor a ràdh gu bheil na figearan a' dol suas is sìos gach bliadhna airson nan deuchainnean Gàidhlig anns na sgoiltean.

Seann Shiostam

"Ach mar eisimpleir anns na bun-sgoiltean a-nis, tha na h-àireamhan a tha a' dol a-steach air a' chiad chlas air a bhith a' dol suas 50% bho 2007.

"So chan eil e fìor a ràdh gu bheil a' Ghàidhlig a' crìonadh anns na sgoiltean idir," thuirt e.

Tha ceist ann a thaobh deuchainnean do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig sna sgoiltean, agus figearan a' sealltainn gu bheil an àireamh a tha gan dèanamh air tuiteam 20%.

"Tha na figearan beag ann an dòigh nuair a tha thu a' coimhead air na figearan ri taobh chuspairean eile airson nan deuchainnean," thuirt an Dr Allan.

"Agus tha e fìor a ràdh cuideachd gu bheil daoine a' dèanamh nas lugha de dheuchainnean anns a' cheathramh bliadhna na bha iad fon t-seann siostam.

"Ach tha cothroman ann anns a' chòigeamh bliadhna agus anns an t-siathamh bliadhna airson daoine cuspairean eile a thogail.

"Agus tha daoine a' tighinn tron t-siostam an-dràsta a tha fileanta sa Ghàidhlig, agus bidh iad a' dèanamh deuchainn Ghàidhlig anns an àm ri teachd.

"Tha fhios againn uile gu bheil tòrr tòrr ri dhèanamh airson na Gàidhlig fhathast.

"Ach bidh an Riaghaltas a' coimhead air an sgrùdadh seo agus ionnsaichidh sinn bhuaithe ma tha rudan feumail ann.

"Ach feumaidh mi a ràdh aig an aon àm gu bheil e uabhasach follaiseach gu bheil na h-àireamhan a' dol suas anns a' Ghàidhlig anns na bun-sgoiltean, agus cuideachd leis a' chunntas-sluaigh a bh' ann, tha na h-àireamhan a' dol suas airson daoine leis a' Ghàidhlig eadar 3 agus 19 bliadhna de dh'aois," thuirt e.