Connadh nas saoire son sgìrean iomallach

  • 1 An t-Ogmhìos 2015
pump peatrail
Image caption Tha an sgeama air a bhith a' ruith anns na h-eileanan son trì bliadhna.

Bhon diugh, gheibh dràibhearan ann an cuid a sgìrean dùthchail de thìr-mòr na Gàidhealtachd an cothrom connadh nas saoire a cheannach.

Thòisich an sgeama ann an eileanan na h-Alba bho chionn trì bliadhna agus tha Riaghaltas Wesminster a-nis ga leudachadh.

Gheibh daoine ann an sgìrean iomallach den Ghàidhealtachd agus an Earra Ghàidheal is Bòd 5sg far gach liotair a cheannaicheas iad de pheatrol agus diesel.

Còd-puist

Tha an t-airgead a' tighinn far na prìs, 's cothrom aig garaidsean an t-iomhas sin fhaighinn air ais bhon riaghaltas.

Chuir Peadar Malone, aig a bheil stèisean peatroil sa Bhlàran Odhar ann an Cataibh, iarrtas a-steach son a bhith na phàirt dhen sgeama, ach chaidh an tagradh aige a dhiùltadh air sgath's gu bheil an aon chòd-puist aige ri Inbhir Theòrsa.

Tha connadh nas saoire ann an Inbhir Theòrsa, ach tha e 37 mìle air falbh bhon a' Bhlàran Odhar 's thuirt Mgr Malone, na bheachd-san, nach eil e cothromach gu bheil Am Blàran Odhar a' fulaing air sgàth's gu bheil an aon còd-phuist aca ri Inbhir Theòrsa.

Cosgaisean

Tha buidhnean coimhearsnachd ann an sgìrean iomallach eile ge-tà, air fàilte a chur an sgeama a tha cuideachd gu bhith ri fhaighinn a-nis ann an sgìrean de Shasainn leithid Cumbria, Siorrachd York a Tuath agus Devon.

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun deach na sgìrean ùr air tìr-mòr a thaghadh leis cho àrd sa tha prìs a' chonnaidh annta agus cho cosgail 's a tha e peatrol agus deisel a chuir gu na stèiseanan peatrol anns na sgìrean iomallach seo.