Neach-coiseachd fhathast a dhìth ann an Loch Abar

  • 1 An t-Ogmhìos 2015
Eric Cyl Image copyright Police Scotland handout
Image caption Chaidh Mgr Cyl fhaicinn mu dheireadh madainn Dhisathairne.

Tha sgioba-teasairginn nam beann ann an Loch Abar air an treas latha a chur seachad a' lorg fear-coiseachd a tha air a bhith a dhìth bho oidhche shathairne.

Chaidh Eric Cyl, 62, fhaicinn mu dheireadh a' coiseachd a-steach gu na beanntan, deas air Gleann Neibhis madainn Dhisathairne.

Chaidh luchd-teasairginn a ghairm nuair nach do thìl e dhan àite-fuirich aige oidhche Shathairne 's bha iad a-muigh ga shireadh fad an latha Didòmhnaich.

'S e sgioba-teasairginn Loch Abar agus sgioba bhon RAF le coin a tha an sàs san iomairt, a thuilleadh air heileacoptair nam Maor-Cladaich.

Nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh bha seacaid ghlas air Mgr Cyl, agus briogais dhorcha.

Bha e na aonar, agus a' coiseachd le dà bhata.