PSO Sgitheanach ga iarraidh

  • 29 An Cèitean 2015
Raon-laighe an Eilein Sgitheanaich
Image caption Chan eil planaichean aig an Riaghaltas seirbeis-adhair a stèidheachadh eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Tìr Mòr.

Tha comhairliche Sgitheanach air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba an aon inbhe a thoirt dhan eilean 's a th' aig eileanan eile a tha airidh air seirbheisean-adhair le Òrdugh Seirbheis Phoblaich (PSO).

Aig an ìre seo tha Òrdughan Seirbheis Phoblaich air na seirbheisean-adhair à Glaschu gu Ceann Loch Chille Chiarain, Tiriodh agus Barraigh - 's iad uile a' faighinn subsadaidh bho Riaghaltas na h-Alba.

Tha fear de chomhairlichean Uard Eilein a' Cheo, Drew Milar, a-niste a faighneachd carson nach gabhadh PSO a chur air seirbheis-adhair ùir dhan Eilean Sgitheanach.

"Carson a tha sinne diofraichte bho sgìre sam bith eile?" thuirt an Comh. Miller.

"Tha sluagh againn san Eilean Sgitheanach a-mhàin de mu 12,000 duine.

"Ma ghabhas tu a-steach Loch Aillse agus Ros an Iar - daoine a chleachdadh an t-seirbheis-adhair - cha chreid mi gum feumadh e uimhir de shubsadaidh mar eisimpleir ri puirt-adhair ann an eileanan eile, mar eisimpleir Colbhasa, le sluagh de dhìreach beagan cheudan, agus tha seirbheis aca gu Tìr Mòr.

"Mar sin, saoilidh mi air a' cheann thall gur dòcha nach bi subsadaidh a dhìth air seirbheis Sgitheanaich, oir saoilidh mi gum biodh mòran dhaoine ga cleachdadh."

Thuirt Còmhdhail na h-Alba nach eil planaichean sam bith aca airson seirbheisean-adhair eadar meadhan na h-Alba agus an t-Eilean Sgitheanach, ged a tha iad ag aithneachadh gu bheil buidhnean agus daoine fa-leth airson leudachadh a dhèanamh air seirbheisean-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean.