Clàr-ama ùr "an aghaidh stiùiridh"

  • 29 An Cèitean 2015
Loch Baghasdail
Image caption Chuir a' bhuidheann an clàr-ama ùr a dh'ionnsaigh Chal Mac airson gun tèid beachdachadh air.

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air a ràdh ach gabh clàr-ama ùr a dhealbh Comataidh Aiseagan Uibhist dhaibh cur an gnìomh.

Bha an clàr-ama ag amas air seirbheis Shamhraidh a stèidheachadh eadar Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas, agus Malaig.

Ach leis gum feumte aon sheirbheis san t-seachdain a thoirt air falbh bho Bharraigh, thuirt Cal Mac nach biodh e a' rèir stiùireadh Còmhdhail na h-Alba.

"Chuireadh beachd d' ar n-ionnsaigh le Comataidh Aiseagan Uibhist mu bhith a' coimhead ri seirbheis Shamhraidh a stèidheachadh eadar Loch Baghasdail agus Malaig," thuirt labhraiche do Chal Mac.

"Ged a tha coltas practaigeach air a' mholadh, tha stiùireadh Còmhdhail na h-Alba ga dhèanamh soilleir nach fhaod atharrachaidhean sam bith sa chlàr-ama droch bhuaidh a thoirt air coimhearsnachdan eile san lìonra, agus anns a' chùis seo, bheireadh atharrachadh sam bith buaidh air seirbheisean Bharraigh.

"Tha Comataidh Aiseagan Uibhist agus Fòram Còmhdhail Bharraigh an-dràsta a' còmhradh feuch an gabh seirbheis ùr stèidheachadh a chùm buannachd gach coimhearsnachd.

"Tha sinn a' feitheamh buil a' chòmhraidh sin," thuirt iad.

Thuirt fear de chomhairlichean Eilein Bharraigh, Dòmhnall Manford, gu bheil e deònach coinneachadh ri Cal Mac agus muinntir Uibhist mun chlàr-ama ùr a chaidh a dhealbh.

'S ann an uiridh a thòisich an t-seirbehis aiseig eadar Malaig agus Loch Baghasdail, ach mar sgeama pìleat a-mhàin thar mìosan a' Gheamhraidh.

Tha Comataidh Aiseagan Uibhist ag ràdh, nan tigeadh an aiseag a-steach gu Loch Baghasdail tràth feagsar Dihaoine gun gabhadh an uair sin dà sheirbheis a chur air dòigh gu Malaig Disathairne ma tha iarrtas ann airson a leithid. Dhèanadh i an uair sin air an Òban.

Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a' Deas Raghnall MacFhionnghain gum biodh seo gu buannachd nan eileanan a deas air fad.

Dh'fhàgadh sin ge-tà, gun cailleadh muinntir Bharraigh an t-seirbheis a th' aca dhan Òban Diciadain.