Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bile na h-Alba

Tha Bile na h-Alba a' dol air beulaibh na Pàrlamaid aig Westminster airson a' chiad uair an-diugh. Tha am bile stèidhichte air molaidhean Choimisein Mhic a' Ghobhainn, 's tha Dàibhidh Camshron ag ràdh gun toir e ìre de dh'fhèin-riaghladh do dh'Alba nach eil aig Pàrlamaid eile de a seòrsa air an t-saoghal. Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba den bheachd ge-tà nach eil e a' dol cho fada 's a dh'iarr an Coimisean.

An t-Aonadh Eòrpach

Tha Dàibhidh Camshron a' dol air chuairt dà là air feadh na h-Eòrpa ag iarraidh taic airson ath-leasachadh air an Aonadh Eòrpach. Bidh e san Òlainnd agus anns an Fhraing an-diugh, agus anns a' Phòlainn agus anns a' Ghearmailt a-màireach. Tha dùil ri referendum air àite Bhreatainn san AE ro dheireadh 2017.

FIFA

Tha còmhdhail bhliadhnail FIFA, a' bhuidheann-riaghlaidh bhuill-choise air feadh an t-saoghail, a' tòiseachadh ann an Zurich le rabhadh gu bheil companaidhean mòra a tha a' cur taic-airgid ris a' gheama a' beachdachadh air an taic sin an cois nan casaidean agus rannsachadh mu choirbteachd agus brìbearachd. Tha sreath de dh'àrd-oifigich FIFA an grèim, agus tha UEFA, a' bhuidheann bhuill-choise Eòrpach, a' feuchainn ri stad a chur air bhòt airson ceann-suidhe FIFA a-màireach, far a bheil Sepp Blatter ag amas air a chòigeamh turas mar cheann-suidhe.

Cal Mac

Chaidh innse do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn aig coinneimh phoblaich ann am Barraigh gun robh iad a' toirt seirbheis nas fheàrr dhan eilean bho chionn fichead bliadhna na tha iad an-dràsta. Thuirt am fear-gnothaich, Dòmhnall Eòsaf MacIllEathain, gu bheil iad ag iarraidh seirbheis nas cunbhalaiche aig amannan freagarrach. Thuirt Cal Mac gu bheil iad ag aithneachadh cho deuchainneach 's a tha a' mhì-chinnt le seirbheisean-aiseig nuair a tha droch shìde ann, ach gum feum iad prìomhachas a thoirt do shàbhailteachd. Tha Cal Mac a' cumail sreath choinneamhan air feadh nan eileanan an-dràsta mus tèid na seirbheisean a-mach gu tairgse aig deireadh na bliadhna seo.

Seach-Rathad an t-Sròim

Thèid innse do mhuinntir thaobh siar Rois a-nochd aig coinneimh anns an Achadh Mhòr nach eil airgead aig Comhairle na Gàidhealtachd airson leasachadh maireannach air Seach-Rathad an t-Sròim, a tha tric dùinte le maoim-slèibhe. Tha a' Chomhairle ag ràdh gum feum muinntir an àite gabhail ri sgeama air an ruig an sporan poblach aig an àm seo.