Corp ga lorg air costa Leòdhais

  • 27 An Cèitean 2015
missing boat Image copyright HM Coastguard
Image caption 'Se bàta a chaidh a thogail aig an taigh a bh'innte.

Dhearbh Polais na h-Alba gun deach corp a' lorg as dèidh iomart teasairginn airson geòla beag a dh'fhàg cala madainn Dimàirt le aon neach air bòrd.

Aig 0955 madainn Diciadain fhuair iad lorg air sprùileach san fhairge mu mhìle bho chladach Sheisiadair san Rubha.

Feasgar Diciadain fhuair iad lorg air corp gu math faisg air a ghèola.

Sheòl an duine a-mach à Brèibhig, san Loch a Tuath, aig 7m madainn Dimàirt, ann an sgoth a bha e fhèin air a thogail, 's anns nach robh ach deich troighean de dh'fhaid.

Sireadh

Cha robh rèidio no fòn-làimhe sa bhàta, 's cha robh an duine air ìnnse càite an robh e am beachd a dhol.

Cha deach ionndrainn air gu feasgar Dimàirt 's chaidh na seirbhisean èiginn a ghairm mu 8f.

Bha mu dhà fhichead luchd-teasairginn ga lorg mu chladaichean an Loch a' Tuath, bho Tholastadh gu Garabost gu trì uairean sa mhadainn, le taic bho bhata-teasairginn Steòrnabhaigh agus heileacoptair nam maor-chladaich.

Seiseadar

Thòisich iad an-diugh a-rithist aig 9m, agus chaidh innse dhaibh gu deach an sgoth fhaicinn mu mhìle a-mach à Seiseadar, agus i a' gluasad gu deas.

Bha a' ghaoth gu math garbh do dh'eathar bheag aig an àm.

Nas fhaide air adhart san latha, chunnacas an eathar sa mhuir 's i dìreach fo uachdar na mara, ach goirid às dèidh sin chaidh i fodha buileach.

Chuireadh fios air teaghlach an duine gun deach corp a' lorg, ach aig an ìre-sa chan eilear ga ainmeachadh.

Tha rannsachadh a' leantainn mun chùis agus thèid aithisg gu Neach Casaid a' Chrùin.