Obair gus tòiseachadh air maoimtean-slèibhe

  • 27 An Cèitean 2015
Creag chugalach Image copyright Coimisean na Coilltearachd
Image caption Tha na h-uimhir de chreagan mòra nan laighe air bruaichean casa os cionn an rathaid.

Dh'fhaodadh gun tòisich obair gus freagairt a lorg air maoimtean-slèibhe ri taobh an A82 air Ghàidhealtachd an ath-sheachdain, a rèir Choimisein na Coilltearachd.

Chaidh an rathad a dhùnadh eadar Inbhir Moireasdain agus Druim na Drochaid sa Mhàrt, an dèidh mar a thàinig dà chnap mòr creige a-nuas far chùirn os cionn an rathaid.

Thuirt Coimisean na Coilltearachd gur e sparr conrait a chur an sàs pàirt den fhreagairt san ùine fhada.

Thèid heileacoptair a chleachdadh airson na h-obrach, a bu chòir tòiseachadh Diluain.

Tha dùil gum bi am pròiseact deiseil mu mheadhan an Iuchair.

"Bidh stiùireadh trafaige ga chur an sàs airson seo agus pìosan eile den obair," thuirt Ailig MacLeòid, a tha a' stiùireadh na pròiseact.

"Ach, tha dùil againn gun toir seo buaidh nas lugha air trafaig san sgìre na bheir an obair leagail chraobhan againn, ged a tha sinn a' tabhainn leisgeul airson duilgheadas sam bith a dh'adhbharaicheas e."

Chaidh na h-uimhir de chraobhan a leagail 's a thoirt air falbh bho thalamh àrd os cionn an A82.

Thuirt an Coimisean gun robh iad an dòchas a' chuid as motha den obair sin ann an Gleann Rìgh, deas air a' Ghearasdan, a bhith deiseil ron Fhoghair.

Tòisichear air craobhan a leagail taobh Loch Nis as t-Fhoghair cuideachd - an t-earrann as duilghe agus as motha den obair ri taobh an A82, a rèir a' Choimisein.

.