Taghadh a' Chupa Amaitearachd

  • 25 An Cèitean 2015
Ball Image copyright ALL Sport / Getty Images

Chaidh an taghadh a dhèanamh airson a' chòrr de Chupa Amaitearachd na Gàidhealtachd às dèidh gheamaichean an deireadh-sheachdain.

Rinn Saints an Iochdair an gnothach 4-1 air Nis Disathairne is bidh iad an aghaidh sgioba eile à Leòdhas san treas cuairt is iad gus siubhail a chluich an aghaidh Athletic Steòrnabhaigh, a rinn a' chùis 4-2 air Southend air an deireadh-sheachdain.

Chaidh na Lochan troimhe gun bhall a bhreabadh is Beinn nam Fadhla air tarraing a-mach às an fharpais ach bidh dùbhlan rompa san ath-chuairt le geama an aghaidh Kirkwall Rovers.

Tha dùbhlan cuideachd ron Taobh Siar, a chuir an Rubha a-mach 7-3, is iad a-nise gus cluich an aghaidh Wick Groats.

'S iad Slèite agus an t-Srath an aon sgioba às an Eilean Sgitheanach a tha fhathast san fharpais.

Rinn iad an gnothach 5-1 air Brora Wanderers air an deireadh-sheachdain is bidh iad a-nise an aghaidh Thaigh Iain Ghròit

Tha an taghadh air fad mar a leanas;

An treas cuairt - an 6mh den Òg-Mhìos

Abhach - Thurso Academicals

Taigh Iain Ghròt - Slèite agus an t-Srath

Kirkwall Hotspurs- Kirkwall Thorfinn

Kirkwall Rovers - Na Lochan

NMM Ace - Loch an Inbhir

Staxigoe United - Scotrail

Athletic Steòrnabhaigh - Saints an Iochdair

An Taobh Siar - Wick Groats

A' chairteal-chuairt dheireannach - an 20mh den Òg-Mhìos

Abhach / Thurso Academicals - Kirkwall Rovers / Na Lochan

Kirkwall Hotspurs / Kirkwall Thorfinn - Taigh Iain Ghròt / Slèite agus an t-Srath

NMM Ace / Loch an Inbhir- Staxigoe United / Scotrail

Athletic Steòrnabhaigh / Saints an Iochdair -An Taobh Siar / Wick Groats

An iar-chuairt dheireannach - an 11mh den Iuchar

Kirkwall Hotspurs / Kirkwall Thorfinn / Taigh Iain Ghròt / Slèite agus an t-Srath - Abhach / Thurso Academicals / Kirkwall Rovers / Na Lochan

NMM Ace / Loch an Inbhir / Staxigoe United / Scotrail- Athletic Steòrnabhaigh / Saints an Iochdair / An Taobh Siar / Wick Groats

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile