Cnoc na Mònadh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

FIFA an Èirisgeigh

21 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chan eil e rèidh, agus aig aon àm bha cumadh anasach air, ach tha e ann an suidheachadh brèagha, cò air a bheil sinn a' bruidhinn?

Pàirce bhall-choise Èirisgeigh, agus e a-nis air a thaghadh aig FIFA mar aon de na h-ochd àitichean as sònraichte anns an t-saoghal airson cluich.

Chaidh geama a chlàradh air Pàirc Chnoc na Monadh oidhche Mhàirt airson taigh-tasgaidh ùr FIFA - a dh'fhosglas an ath-bhliadhna.

Chaidh Shona NicDhòmhaill a choimhead air a' phàirce agus an geama.