Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

In-imreachd

Thàinig àrdachadh eile air in-imreachd dhan Rìoghachd Aonaichte an-uiridh gu còrr is 300,000. Tha an Riaghaltas ag amas air na deichean mhìltean. Tha Dàibhidh Camshron a' dèanamh òraid an-dràsta fhèin le gealltanas air smachd nas cruaidhe air in-imreachd, 's gu h-àraid air feadhainn a tha ag obair gu mì-laghail ann am Breatainn. Tha dùil am measg rudan eile ri tuilleadh chumhachdan dha na Poilis airson dèiligeadh ri luchd-obrach nach bu chòir a bhith san dùthaich seo.

Ballrachd san AE

Thuirt Ministear Ionmhais na Gearmailt, Wolfgang Schauble, gu bheil e deònach bruidhinn ri Breatainn mu aonta ùr air a ballrachd anns an Aonadh Eòrpach. Thuirt Mgr Shauble gu bheil e cudromach dhan Ghearmailt gum fuirich an Rìoghachd Aonaichte san AE. Tha Riaghaltas Bhreatainn ag iarraidh aonta ùr mu bhallrachd ro referendum air a' chùis ann an 2017.

Stailc Rèile

Thòisich an ceathramh là de chòmhradh ag amas air stailc rèile a sheachnadh Diluain agus Dimàirt seo tighinn. Tha Network Rail agus na h-aonaidhean ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh aonta, ach thug iad rabhadh do luchd-siubhail gum bi troimhe-chèile mhòr ann mura tig dad às na còmhraidhean aig a' bhuidhinn rèiteachaidh Acas an-diugh.

An Stàit Ioslamach

Tha baile Palmyra ann an Siria - aon de na làraichean eachdraidheil as ainmeile san Ear-Mheadhanach - fo smachd feachdan na Stàite Ioslamaich. Tha aithrisean ann gun do theich feachdan an Riaghaltais agus mòran den t-sluagh às a' bhaile. Tha dragh ann a-niste gun dèan IS sgrios air arc-eòlas a' bhaile mar a rinn iad le làraichean eachdraidheil eile.

Ministearan Gèidh Pòsta

Bidh bhòt aig Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba an-diugh air am bu chòir daoine a tha ann am pòsaidhean gèidh a bhith nam ministearan. An dèidh bhliadhnaichean de chonnspaid, bhòt an t-Àrd-Sheanadh Disathairne airson cead a thoirt do chothionail ministear ann an càirdeas sìobhalta a ghairm. Ach tha tuilleadh connspaid ann mu bhòt an là an-diugh.

An t-Urr. Ìomhair Màrtainn

Chaidh an t-Urr. Ìomhair Màrtainn aimeachadh mar phrionnsabal ùr làn-ùine air Seminary Diadhaireachd Dhùn Èideann. Tha sin a' fàgail a' chothionail as motha san Eaglais Shaoir, Sràid Choinnich ann an Steòrnabhagh, le aon mhinistear, seach dithis as àbhaist a bhith ann. Bha Mgr Màrtainn na phrionnsabal pàirt-ùine air an dà bhliadhna mu dheireadh.