An Ath Roghainn

  • 19 An Cèitean 2015

Aig a' cheann thall, cha robh roghainn eile aige.

Anns an là a tha ann, chan fhaigh ceannard poileataigeach dàrna cothrom a' chùis a dhèanamh, fiù 's às dèidh dìreach beagan mhìosan anns an dreuchd.

Chan urrainn don fheadhainn a chaill an suidheachain no a' choire gu lèir a chuir air Jim Murphy.

Ach air dòigh, dh'fhàg na thuirt e mus deach a thaghadh mar cheannard nach b' urrainn dha cumail a' dol.

As t-foghar, is e a' sireadh taic a' phàrtaidh aige, chum Mgr Murphy a-mach nach b' e deas no clì a rud a bu chudromaiche, ach gum biodh na Làbaraich a' buannachadh a-rithist.

Gu follaiseach, cha b' e sin a thachair.

Dona

Is soilleir nach do thuig Mgr Murphy - ma thuig duine - dè cho domhain is a bha an staing anns an robh na Làbaraich ann an Alba nuair a ghabh e grèim air an stiùir.

A dh'aindeoin gach oidhirp a rinn e, 's ann a dh'fhàs an staing na bu doimhne.

'S e an aon rud math a thàinig a-mach anns an taghadh dhaibh gun robh an toradh cho dona is gu bheil e follaiseach gu feum iad rudeigin a dhèanamh airson fhaighinn aiste.

Cha dèan ceannard ùr a' chùis leis no leatha fhèin.

Ach is e sin a' chiad cheist a tha ron Phàrtaidh Làbarach às dèidh sgrios an taghaidh.

Fhad 's a bheir iad sùil bhrònach air ais, feumaidh iad an t-sùil eile a thoirt air adhart don taghadh Albannach an ath-bhliadhna - gun mhòran fiughair ris.

Oidhirp

Tha na Làbaraich a-nis a' sireadh an siathamh ceannaird Albannaich taobh a-staigh ochd bliadhna.

Nuair a sheas Mgr Murphy - agus roimhe nuair a sheas Johann Lamont - bha deasbad mòr anns a' phàrtaidh mun àite às am bu chòir a stiùireadh, Holyrood no Westminster.

A-nis, chan urrainn dhaibh ach ceannard a thaghadh bhon bhuidhinn aig Holyrood.

Tha dùil gun seas Ken Mac an Tòisich airson na dreuchd.

Dearbhaidh leas-cheannard a' phàrtaidh, Kezia Dugdale, dè nì ise anns na beagan làithean a tha romhainn.

Chan eil dùil ri oidhirp bho Neil Findlay no Sarah Boyack, a chaill an aghaidh Mhgr Murphy, bho Jackie Baillie no bho Jenny Marra.

Feabhas

As bith cò thèid a thaghadh gus àite Jim Murphy a ghabhail, 's e dreuchd dhoirbh a bhios innte.

Anns an ùine a tha air fhàgail aigesan, nì Mgr Murphy sgrùdadh air staid a' phàrtaidh mus toir e beachdan seachad air na tha a dhìth airson a cur am feabhas.

Bidh ceistean ann mun cheangal eadar na Làbaraich ann an Alba agus an càirdeas anns a' chòrr dhen Rìoghachd.

Bidh ceistean cuideachd mun cheagal eadar am pàrtaidh agus na h-aonaidhean ciùird, aig an robh an treas cuid dhen bhòt nuair a chaidh Mgr Murphy a thaghadh as as t-fhoghar.

Nas bunaitiche na sin, 's dòcha, feumaidh iad faighneachd ciamar a gheibh iad air ais an talamh agus na daoine a chaill iad don SNP o 2007.

Tha na ceistean air a bhith ann fad bhliadhnaichean - chan eil fiù 's bliadhna aca gus freagairt a lorg.