Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Atmhorachd

Thàinig dearbhadh an-diugh gun do thuit an atmhorachd anns an Rìoghachd Aonaichte fo neoni airson a' chiad uair ann an còrr is 50 bliadhna. Chaidh an ìre, a rèir chlàr an CPI, sìos bho neoni gu -0.1 air a' mhìos a chaidh.

Deutsche Bank

Tha Deutsche Bank a' beachdachadh air cuid den obair ann am Breatainn a ghluasad dhan Ghearmailt nam fàgadh an Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach. Tha 9,000 duine ag obair ann am Breatainn dhan bhanca a tha stèidhichte ann am Frankfurt.

Uilleam McNeilly

Tha maraiche sa Chabhlach Rìoghail a thog dragh mu thèarainteachd agus sàbhailteachd siostam dìon Trident an grèim an dèidh dha tilleadh a Bhreatainn. Theich Uilleam McNeilly, a tha 25 bliadhna de dh'aois agus a bhuineas do Bhéal Feirste, an dèidh dha gearain air-loidhne mu shàbhailteachd agus tèarainteachd air na bàtaichean-aigeann niuclasach a tha stèidhichte aig Faslann air Linne Chluaidh. Chuir poilis an grèim e an-raoir aig Port-adhair Dhùn Èideann.

Mountbatten

Coinnichidh ball den teaghlach rìoghail ri ceann-suidhe Sinn Féin, Gerry Adams, airson a' chiad uair an-diugh, agus am Prionnsa Teàrlach a' tadhail air Poblachd na h-Èireann. Thuirt Mgr Adams gun dèan an turas sìth agus leigheas. Thèid am Prionnsa cuideachd dhan bhaile ann an Sligeach far an do mhuirt an IRA uncail athair am Morair Mountbatten ann an 1979.

Na Làbaraich

Tha dùil gun seas am ball Làbarach ann am Pàrlamaid na h-Alba, Coinneach Mac an Tòisich airson ceannas na pàrtaidh an Alba nuair a dh'fhalbhas Jim Murphy air an ath-mhìos. Tha Mgr Mac an Tòisich deiseil airson a dhol an aghaidh leas-cheannaird na pàrtaidh an Alba, Kezia Dugdale, agus a h-uile coltas ann gun dèan ise cuideachd oidhirp air an dreuchd.

Muasgain-chaola

Thuirt Comann Iasgairean nan Eilean Siar gum bu chòir dhan Riaghaltas taic a chur mu choinneimh cho dona 's a tha iasgach a' mhuasgain-chaoil am-bliadhna. Tha an gnìomhachas £1m sìos air an aon àm an-uiridh, agus tha cùisean cho dona sa Chuan a Tuath 's gu bheil dragh air iasgairean a' chosta an iar gun tig tràlaireran às an sin a dh'iasgach sa Chuan Sgìth.