Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chuka Amunna

Tha Chuka Amunna air tarraing a-mach às an taghadh airson ceannas a' Phàrtaidh Làbaraich. Thuirt e gun robh cus uallaich a' tighinn air, agus cus sgrùdaidh ga dhèanamh air fhèin 's na tha dlùth dha bho dh'innis e gun robh e a' seasamh. Thuirt e gun robh fhios aige bho thùs nach biodh e furasta seasamh, ach nach do thuig e buileach a' bhuaidh a bheireadh e air a bheatha.

Camshron agus Sturgeon

Coinnichidh Dàibhidh Camshron agus Nicola Sturgeon ann an Dùn Èideann an-diugh - a' chiad choinneamh cheart eatorra bho fhuair an SNP a' mhòr-chuid de roinnean-pàrlamaid na h-Alba. Tha Mgr Camshron air gealltainn cumail ri molaidhean Choimisein Mhic a' Ghobhainn, a mhol cumhachdan a bharrachd a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba. Ach canaidh Nicola Sturgeon ris gum feum e a dhol nas fhaide na sin. Tha ise airson cumhachd fhaighinn a bharrachd air an fheadhainn a mhol Mac a' Ghobhainn, gu sònraichte air poileasaidh obrach, bun-thuarastal agus sochairean.

Oighreachd na Pàirce

Tha na pàipearan-laghail a-nis air a dhol troimhe airson muinntir na Pàirce ann an Leòdhas an oighreachd aca a ghabhail thairis. Bha an t-uachdaran air aontachadh bho chionn còrr is bliadhna am fearann a reic ri Urras na Pàirce, 's tha còmhraidhean laghail air a bhith a' dol bhon uair sin. Tha cùisean a-nise aontaichte, agus gabhaidh an t-Urras sealbh air an fhearann nas fhaide den bhliadhna.

Ath-leasachadh an Fhearainn

Chuir daoine taic làidir ri planaichean Riaghaltas na h-Alba airson ath-leasachadh air siostam an fhearainn. Ann an co-chomhairleachadh air Bile an Fhearainn bha còrr air 70% de na freagairtean taiceil. Chaidh taic cuideachd a chur ri fear de na molaidhean as connspaidiche - sin cur às do dh'fhaochadh air cìsean gnìomhachais do dh'oighreachdan spòrs.

Stailc Rèile

Thèid a' chiad stailc nàiseanta rèile ann am 20 bliadhna a chumail an ceann deich là. Chaidh innse gun tèid luchd-obrach Network Rail air stailc 24 uairean seachdain Diluain, an 25mh là den mhìos. Bidh buill de dh'aonadh an RMT a' coiseachd a-mach aig 5:00f. Tha iad mì-thoilichte mu phàigheadh. Cha dèan iad uairean a bharrachd nas motha airson dà là.

Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean

Thèid campas ùr Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann an Inbhir Nis fhosgladh gu h-oifigeil feasgar. Chosg e £100m. A bharrachd air togalach ùr do Cholaiste Inbhir Nis, bidh cuideachd gnìomhachasan a tha an sàs ann an saidheans-beatha stèidhichte air an làraich.

BB King

Chaochail an cluicheadair ciùil Blues BB King. Bha e 89. Thug an stoidhle cluiche aige buaidh air mòran luchd-ciùil eile tro na bliadhnaichean, nam measg Eric Clapton, Jimmy Hendrix, agus George Harrison.