Comhairlichean Gàidhealach airson cur às dhan chomhairle

  • 14 An Cèitean 2015
Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha sgìre na Comhairle cho mòr ris a' Bheilg, dùthaich anns a bheil 589 ùghdarrasan.

Tha grunnan chomhairlichean air Ghàidhealtachd air cantainn gum bu chòir Comhairle na Gàidhealtachd a bhith air a bristeadh an-àirde.

Thuirt iad gum biodh grunnan ùghdarrasan ionadail na bu lugha na bu dheamocrataiche.

Bha buill na Comhairle a' gabhail ris nach robh gu leòr cho-dhùnaidhean gan dèanamh aig ìre ionadail, ach cha b' urrainn dhaibh aontachadh dè an t-atharrachadh a bha a dhìth.

Tha sgìre na Comhairle cho mòr ris a' Bheilg, dùthaich anns a bheil 589 ùghdarrasan.

Thuirt Donaidh Kerr, a tha na chomhairliche an Inbhir Nis agus a dh'iarradh comhairle air leth airson a' bhaile, gu bheil e follaiseach nach eil cùisean deamocratach.

Bha e ag ràdh, mar eisimpleir, gu bheil e mì-chothromach gu bheil cìsean-parcaidh an Inbhir Nis gan cur suas nuair a tha parcadh an asgaidh mar as trice air an tuath.

Cha bhiodh Mgr Kerr ag iarraidh comhairle airson Inbhir Nis bho chionn 15 bliadhna bha e ag ràdh, ach thuirt e gu bheil sluagh gu leòr anns a' bhaile a-nis.

Ach, bha comhairliche eile à prìomh bhaile na Gàidhealtachd, Tòmas Prag, ag ràdh gur e mearachd a bhiodh ann cur às do na rudan math a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dèanamh.

Thug e rabhadh seachad cuideachd gum faodadh e a bhith gu math cosgail ùghdarrasan eile a thòiseachadh.