Bho shianar gu 56

  • 12 An Cèitean 2015

Nuair a sgaoil a' Phàrlamaid ron taghadh, dh'fhalbh sianar bhall SNP dhachaigh à Westminster.

Nan robh iad ag iarraidh, b' urrainn dhaibh dràibheadh dhachaigh còmhla anns an aon char mhòr.

An-dè thill lethcheud is a sia.

A' bruidhinn ri cuid dhiubh anns na Cumantan an-diugh, bu shoilleir gu bheil iad fhathast a' faighinn seachad air na thachair oidhche Ardaoin - mar a tha sinn uile.

Ach cha sheas cùisean far a bheil iad agus feumaidh iad an obair aca a thòiseachadh.

Rinn iad sin an-diugh.

Inbhe

Aig ciad choinneamh na buidhne - b'fheudar dhaibh Talla Westminster a chleachdadh gus an toileadh iad uile a-steach - chaidh Aonghas Robasdan a dhearbhadh mar cheannard na buidhne.

Cumaidh e an dreuchd a bha aige ron taghadh a dh'aindeoin is gu bheil Ailig Salmond ri fhaicinn aig Westminster a-rithist, mar nach do theich e as a-riamh.

'S e dreuchd mhòr a bhios aig Mgr Robasdan.

Mar thoradh air an àireimh mhòir shuidheachan a fhuair iad ag t-seachdain a chaidh, gheibh an SNP inbhe mar threas pàrtaidh na Pàrlamaid.

Fàgaidh sin gum faigh iad airgead airson ghoireasan agus luchd-obrach.

Agus nas cudromaiche na sin, bidh dà cheist aca a h-uile seachdain agus ceistean a' phrìomh mhinistear.

Aonaranach

Gu dearbh, bidh cothrom aig an SNP bruidhinn às dèidh gach òraid a bheir ministear seachad agus pàirt mhòr a ghabhail anns gach deasbad.

Bidh dreach ùr air Ceistean Albannach.

B'àbhaist do phàrtaidhean an aonaidh tighinn còmhla gus slaic a thoirt air a' bhuidhinn bhig nàiseantach.

Ach a-nis, 's e Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, a bhios a' coimhead aonaranach agus 56 buill bhon SNP nan suidhe còmhla air na beingean dùbhlanach.

Còmhla riutha, bidh an Làbarach, Ian Moireach agus an Lib Deamach, Alistair MacIlleMhìcheil, an dithis bhall eile a ghlèidh na suidheachain aca.

Ach dè as urrainn don SNP dèanamh bho na beingean sin?

Dòchasach

Chan eil pàrtaidh eile seach na Libearalaich (Dheamocrataich) air an inbhe sin fhaighinn fad còrr is ceud bliadhna.

Roimhe sin, b' e an treas buidheann a bu mhotha Pàrtaidh Pàrlamaideach na h-Èirinn fo stiùir Charles Stewart Parnell.

Cha deach leotha fèin-riaghladh a thoirt gu Èirinn às dèidh bhlianaichean de dheasbad ann an Taigh nan Cumantan.

Tha buill ùra an SNP dòchasach gur e rud eile a thachras an turas seo.

Ach tha sin gu mòr an crochadh air na nì prìomhaire an là an-diugh.

Tha sabaid mhòr air fàire gun fhios aig duine dè an seòrsa crìch a bhios oirre.