Comhairlean ag iarraidh chòmhraidhean

  • 12 An Cèitean 2015
Ar n-Eileanan Ri Teachd
Image caption Tha dùil gun gabh barrachd fhaighinn a-nis ri linn buil an taghaidh choitchinn.

Iarraidh riochdairean na h-iomairt Ar n-Eileanan Ri Teachd còmhraidhean ris an Riaghaltas ùr ann an Lunnainn agus iad a' coimhead ri gluasad air adhart le am plana 'son tuilleadh chumhachdan dha na h-ùghdarrasan eileanach ann an Alba.

Tha iad ag ràdh cuideachd gun gabh iad brath air cothrom sam bith a thig à suidheachadh ùr Westminster 'son cumhachdan a bharrachd air na chaidh a dheasbad gu ruige seo.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e a' chiad rud a dh'fheumas sinn a dhèanamh 's e bruidhinn ris an Riaghaltas ann an Lunnainn agus dearbhadh dè na ceumannan a tha sinn a' dol a ghabhail anns na mìosan a tha romhainn airson gun tèid cumail ris an cinn-là a chaidh aontachadh ron taghadh," thuirt Fear-Gairm Chomhairle na Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Shaoileadh daoine gum biodh e a cheart cho furasta no nas fhasa air sgàth 's gur e am Pàrtaidh Tòraidheach a tha a-nis a' riaghladh Bhreatainn, agus chan e co-bhanntachd a th' ann ann an dòigh sam bith.

Buil an Taghaidh

"'S urrainn dhaibh na co-dhùnaidhean a rinn iad cheana a choileanadh a-nis," thuirt e.

Tha na h-uimhir a-niste ag ràdh nach deach Coimisean Mhic a' Ghobhainn fada gu leòr ann a bhith a' moladh chumhachdan a bharrachd do dh'Alba às dèidh an referendum air neo-eisimeileachd, agus tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, a tha a-niste le 56 buill aig Westminster, ag ràdh gum bi iadsan ag iarraidh barrachd.

Tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh gur dòcha gun gabh barrachd fhaighinn dha na h-Eileanan cuideachd.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bi àrainneachd eadar-dhealaichte ann air sgàth an taghaidh, agus gu h-àraid mar a thachair ann an Alba a thaobh am Pàrtaidh Nàiseanta a bhith a' faighinn uimhir de thaic.

"Agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil Mgr Camshron fhèin air a ràdh gu ruige seo gur dòcha gum bi e a' coimhead ann an dòigh eadar-dhealaichte ris.

"Ma 's e 's gur ann mar sin a bhitheas cùisean, bidh sinne a' gabhail a' chothrom sin gach cuid airson nan Eileanan, agus an aon rud 's a bhios an Riaghaltas ag iarraidh a dhèanamh airson Alba.

"'S e na h-aon amasan a bhios againn, ach 's dòcha gun urrainn dhuinn putadh nas fhaide na 's dòcha a b' urrainn a dhèanamh gu ruige seo," thuirt e.