Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Westminster

Tha 56 de Bhuill-Phàrlamaid ùra an SNP a' dèanamh air Westminster airson a' chiad uair an-diugh. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gun toir iad an guth as làidire fhathast do dh'Alba ann an Taigh nan Cumantan. Tha dùil gun can Dàibhidh Camshron an-diugh gur e aonta ùr do Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach as motha a th' air aire mus bi referendum ann air àite Bhreatainn anns an EU. Thuirt Harriet Harman, Ceannard eadar-amail nan Làbarach, gum feum iadsan gluasad air adhart gun a bhith a' tilgeil coire air a chèile airson mar a chaill iad anns an taghadh. Cha tuirt, aig an ìre seo, ach aon Bhall-Pàrlamaid Làbarach, Liz Kendal, gum bi i a' seasamh airson ceannas nan Làbarach.

Libearalachd na Gàidhealtachd

Thuirt seann Cheannard Comhairle na Gàidhealtachd, an Lib-Deamach Mìcheal Foxley, gur dòcha gun tàinig traidisean làidir de libearalachd air a' Ghàidhealtachd gu ceann anns an taghadh. Chaill Teàrlach Ceanadach, Danny Alexander, agus Iain Thurso uile an seataichean, agus thurt an Dr Foxley gum bi e gu math dha na Lib-Deamaich tighinn air ais bho sin.

In-imrich

Thig molaidhean connspaideach bho Choimisean na h-Eòrpa an t-seachdain seo mun àireimh mhòir a tha a' dèanamh in-imreachd às Afraga air a' Mhuir Mheadhan-Thìrich. Tha dùil gun tèid cuota ris am feum iad gabhail a sparradh air gach dùthaich aig a bheil ballrachd anns an AE. Thuirt Oifis na Dùthcha ge-tà, nach gabh Breatainn idir ri cuota den t-seòrsa sin.

Na Hearadh

Thòisich an obair air pròiseact coimhearsnachd cho mòr 's a bha riamh air taobh siar na Hearadh. Tha Urras Taobh Siar na Hearadh a' togail ionad agus goireasan coimhearsnachd ann an Horgabost. Cosgaidh an sgeamamu £1.5m, agus tha iad cuideachd air làraichean a chomharrachadh airson taighean ùra le dòchas gun tarraing iad sin teaghlaichean dhan àite.