Uardan fhathast dùinte san Ràthaig Mhòir

  • 11 An Cèitean 2015
Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Seo an dàrna turas a chaidh uardan a dhùnadh san ospadal am-bliadhna.

Tha NHS na Gàidhealtachd fhathast a' strì gus smachd fhaighinn air a' ghalair Noro-bhìoras aig a' phrìomh ospadal aca.

Tha an galair a' toirt buaidh air trì uardan aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis an-dràsta.

Tha Uard 7C dùinte do dh'euslaintich ùra 's an galair air nochdadh air euslainteach an sin an t-seachdian a chaidh.

Chaidh seòmar anns a bheil sia leapannan ann an Uard 5C a dhùnadh thar an deireadh-sheachdain ri linn 's gun do nochd ceithir cùisean ùra den ghalair.

Tha cùis eile cuideachd ann an uard 6C air seòmar eile a dhùnadh an sin.

Seo an dàrna turas a chaidh uardan a dhùnadh san ospadal am-bliadhna.