Pròiseact Horgaboist air tòiseachadh

  • 11 An Cèitean 2015
Tràigh Horgaboist
Image caption Thathas ag amas air 40 duine a bharrachcd a thàladh a dh'fhuireach san sgìre san ath-chòig bliadhna.

Thòisich obair air pròiseact choimhearsnachd cho mòr 's a bha a-riamh air taobh siar na Hearadh.

Tha Urras Taobh Siar na Hearadh a' togail talla coimhearsnachd a chosgas £1.5m agus tha iad air làraichean a chomharrachadh airson taighean ùra.

"Am pròiseact a tha seo tha e thall aig Pàirc Niseabost, thall ann an Horgabost," thuirt fear de stiùirichean an Urrais, Ruairidh MacIllinnein.

"Tha 500 meatar ceàrnagach an de thalamh, os cionn na tràghad ann an sin.

Làraichean-taighe

"Tha iad am beachd ionad coimhearsnachd a thogail ann an sin airson gum bi co-choimhearsnaich a' coinneachadh ann.

"Tha àite-bìdh gu bhith ann, agus tha àite gu bhith ann airson oifisean, stiùideothan gnìomhachais no càil sam bith mar sin, agus tha àite taisbeanaidh gu bhith ann.

"Agus mun cuairt air tha àite aca airson sia taighean airson gun cuir Compàiteachas Taigheadais Innse Gall taighean ann an sin.

"Agus tha ceithir làraichean eile aca airson daoine prìobhaideach a bhith a' togail thaighean orra.

"Chaidh feadhainn de na làraichean sin a ghabhail mar thà, agus tha trì de na taighean a tha sin ri tòiseachadh mus bi a' bhliadhna seo seachad.

"Tha àitichean cumhachd gu bhith aca cuideachd airson bhanaichean-campachaidh a bhith a' tighinn a-steach ann cuideachd. Tha trì dhiubh sin gu bhith ann.

"Tha sinn a' dol a dh'fhaighinn an dealain air a shon le crann-gaoithe a thogail air a' chnoc os a chionn.

"Tha còir aig an ionad coimhearsnachd a bhith fosgailte toiseach na h-ath-bhliadhna," thuirt e.

Tha dòchas ann gum bi iad sin a' tàladh theaghlaichean dhan sgìre.

"Tha 120 duine timcheall ann an seo, eadar Losgantir, Seileabost, Horgabost, na Buirgh agus Sgarasta Mhòr," thuirt e.

"Tha iad am beachd gun cuir iad an àireamh a tha sin suas ann an còig bliadhna eile, suas 40 duine co-dhiù.

"Gu mu 160 duine no mar sin, gun tig daoine a-steach dhan àite, teaghlaichean 's mar sin nuair a thogas iad na taighean a tha sin," thuirt e.