Plèana ùr do shlighe eileanaich

  • 8 An Cèitean 2015
Fear de na plèanaichean ùra Image copyright AirTeamImages.com
Image caption Chaidh dealbh a thogail den chiad fhear den dà phlèana ann an Innis Tìle, air a shlighe a Ghlaschu.

Ràinig a' chiad phlèana de dhà itealan ùr airson seirbheis-adhair eadar Glaschu, Barraigh, Tiriodh agus Ceann Loch Chille Chiarain, Alba.

'S iad a' chompanaidh Chanaidianach Viking Air Earanta a tha a' sòlarachadh an dà Twin otter DHC6-400.

Tha òrdugh seirbheis phoblaich air an t-slighe, agus cha bhiodh e comasach a ruith gun taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba.

Thog AirTeamImages.com a' chiad fhear de na plèanaichean ann an Innis Tìle 's e air a shlighe a Ghlaschu à Canada.

Bha dùil gum biodh na plèanaichean ùra ag obair air an t-slighe ron Ghiblean an-uiridh.

Ach thug e na b' fhaide na bha dùil an ceannach.

Dh'innis an Riaghaltas o chionn dà bhliadhna gun robh iad ag amas air dà phlèana ùr a cheannach an àite nan itealan Twin Otter a th' air a bhith ann - a tha gan ruith le Loganair, aig a bheil cùmhnant air an t-slighe a thèid a-mach gu tairgse an ath-bhliadhna.

Feumaidh na h-itealain a bhith le dà einnsinn, agus comasach air làighe air an Tràigh Mhòir ann am Barraigh.