Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iomairt an Taghaidh

Le nas lugha na 24 uairean gus am fosgail na stèiseanan-bhòtaidh tha na ceannardan poileataigeach a' dèanamh oidhirp dheireannaich airson ar bhòtaichean a ghlacadh. Tadhlaidh Jim Murphy air sgoil-àraich ann an Grianaig agus dùil gun can e gun dèan bhòt dhan SNP barrachd feum dha na Tòraidhean na nì e do cheartas sòisealta. Cuiridh Nicola Sturgeon seachad an là ag iomairt ann an Dùn Èideann far an innis i do luchd-bhòtaidh gu bheil cothrom aca an guth as làidire a-riamh a thoirt do dh'Alba aig Westminster. Thèid Ceannard nàiseanta nan Lib-Deamach, Nick Clegg, gu Taigh Iain Ghròt, agus e ag ràdh gun stiùireadh am pàrtaidh aigesan cùrsa cuibheasach dhan eaconamaidh. Tha dùil gun tadhail Dàibhidh Camshron air Alba an-diugh cuideachd, agus e a' cumail a-mach gu bheil Ed Miliband a' feuchainn ri car a thoirt à daoine le a bhith ag ràdh nach obraicheadh e leis an SNP.

Agus tha UKIP ag ràdh gun tèid sgrùdadh nas mionaidiche a dhèanamh air feadhainn a tha airson a bhith nan tagraichean dhaibh, às dèidh mar a chaidh fear dhiubh, Raibeart Blay, a chur às a' phàrtaidh rè ùine. Chaidh Mgr Blay a ghlacadh air tèip ag ràdh gun cuireadh e peilleir eadar dà thùil an tagraiche Thòraidhich airson Ear-Thuath Hampshire, Ranil Jayawardena, nan deadh a thaghadh mar Phrìomhaire. Thuirt Ceannard UKIP, Nigel Farage, gun robh Mgr Blay air a bhith "gòrach".

Rangers

Tha Poilis a tha a' rannachadh mar a chaidh Rangers a ghabhail thairis grunn thursan ann am beagan bhliadhnaichean air sgrùdadh a dhèanamh air na prìomhb oifisean aig SportsDirect ann an Derbyshire. 'S ann le ceannard na companaidh, Mike Ashley, a tha 9% de dh'earrainnean Rangers, agus tha làn-smachd aige air cùmhnantan meanbh-reic a' chluba. Tha na Poilis mar thà iar Craig Whyte a chur an grèim mar phàirt den rannsachadh aca.

Afganastan

Chaidh binn bàis a chur air ceithir fhireannach le cùirt ann an Afganastan às dèidh mar a chaidh boireannach a mharbhadh le gràisg a bh' air cur às a leth gun robh i air an Koran a losgadh. Chaidh am boireannach - a bha neo-chiontach den chasaid - a phronnadh gu bàs, chaidh a corp a thilgeil far mullach thogalaich, chaidh iad thairis air le carbad, agus mu dheireadh chuir iad teine ris. Chaidh ochdnar eile a chur dhan phrìosan airson 16 bliadhna, ach chaidh 18 duine eile a leigeil ma sgaoil leis a' chùirt.

Sainsbury's

'S dh'fhoillsich a' chompanaidh bhùithdean-bìdhe Sainsbury's gun do dh'fhulaing iad call de £72m sa bhliadhna-ionmhais a dh'fhalbh. Seo a' chiad uair ann an deich bliadhna a tha Sainsbury's air call fhulang. Tha iad ag ràdh gun tug rudan mar lùghdachadh ann an luach nam bùithdean aca buaidh air prothaidean.