Fir a bh' ann an tubaist-adhair air an ainmeachadh

  • 5 An Cèitean 2015
Iain MacFhionnghain agus Anndra MacThòmais
Image caption Bhàsaich Iain MacFhionnghain agus Anndra MacThòmais san tubaist.

B' e fear-gnothachais à Siorrachd Rois fear den dithis a chaidh a mharbhadh ann an tubaist-itealain faisg air Dun Dè Là na Sàbaid.

Bha Iain MacFhionnghain, a bha 53 bliadhna de dh'aois, a' ruith gharaids ann an Inbhir Pheofharain.

Còmhla ris sa phlèana bha Anndra MacThòmais, aois 37, à Chester.

Dh'fhàg an t-itealan Port-adhair Inbhir Nis madainn na Sàbaid agus bha dùil rithe aig Port-Adhair Dhùn Dè mu 12:00f.

Ach, mu cheithir mìle bhon phort-adhair chaidh an conaltradh eadar am plèana agus an luchd-iùil a chall.

Cha robh an aimsir math nuair a chaidh i a dhìth, le uisge, ceò agus a' ghaoth a' ruighin 35m.s.u.

Chuirear iomairt theasairginn mhòr air dòigh leis na Poilis, sgiobaidhean Mhaor-Cladaich, an RNLI agus an RAF.

Fhuair luchd-teasgairginn sprùilleach an itealain mu cheithir uairean de thìde às dèidh làimh, mu dheich mìle an iar air a' phort-adhair.

Tha an rannsachadh mu dè a dh'adhbhraich an tubaist a' leantainn.