Stailc-acrais airson na Cuimris

  • 5 An Cèitean 2015
Jamie Bevan
Image caption Tha Cathraiche Cymdeithas yr Iaith, Jamie Bevan, am measg na thèid air stailc-acrais.

Tha luchd-iomairt airson na Cuimris a' seachnadh bidhe airson 24 uairean is iad a' togail fianais mu Bhile Dealbhachaidh an Riaghaltais a thèid mu choinneimh Seanadh na dùthcha Dimàirt.

Tha iad mì-thoilichte le atharrachadh anns a' bhile a tha a' buntainn ris a' chànan.

'S iad Cymdeithas yr Iaith Gymraeg (Comann na Cuimris) a th' air cùlaibh na stailce, agus uallach orra gu bheil na sgìrean sa bheil an cànan ga bruidhinn gu làitheil a' sìor-chrìonadh - a dh'aindeoin 's gu bheil an àireamh de luchd-labhairt an ìre mhath seasmhach, timcheall air 500,000.

"Tha iad a' faicinn gun urrainn dhan t-siostam dealbhachaidh cuideachadh gu mòr ann a bhith a' sàbhaladh na cànain," thuirt Ruairidh Francis, a tha a' fuireach sa Chuimrigh.

Diùltadh

"Tha Bile Dealbhachaidh a' dol tron t-Seanadh, agus tha moladh aca airson an siostam dealbhachaidh a chleachdadh airson a' chànain a dhìon.

"Tha iad a' cur na stailce acrais seo air dòigh airson aire nan daoine a ghlacadh.

"Ach cha bhi iad a' dol air stailc acrais ach fad là, 24 uairean, agus le sin cha bhi duine sam bith a' bàsachadh," thuirt e.

Tha dìon na Cuimris air a ghabhail a-steach don Bhile anns an dreach a th' air an-dràsta, ach chan eil Cymdeithas yr Iaith sàsaichte leis na tha e a' moladh.

"An-dràsta, ma tha leaschadh mòr taigheadais ann, feumaidh an duine a tha air cùl an rud rannsachadh a dhèanamh airson faicinn dè a' bhuaidh a bheir an leasachadh air an àrainneachd," thuirt Mgr Francis.

"Tha luchd-strì na Cuimris ag ràdh gum bu chòir rudeigin coltach ri sin a bhith ann airson na Cuimris, airson gach leasachaidh mhòir thaigheadais, airson faicinn dè a' bhuaidh a bheir an leasachadh sin air a' Chuimris.

"Agus nam biodh leasachadh mòr a' dèanamh cron air a' Chuimris, gum bu chòir sin a dhiùltadh.

"Tha Riaghaltas na Cuimrigh air gèilleadh beagan mar thà. Tha iad air aontachadh gun urrainn do chomhairlichean, gu laghail, a bhith a' coimhead air a' bhuaidh ma tha iad ag iarraidh leasachadh a dhiùltadh - gu bheil a' chànain na h-adhbhar laghail airson sin a dhèanamh.

"Ach tha luchd-strì na Cuimris ag iarraidh a dhol nas fhaide, agus ag ràdh gum bu chòir rannsachadh a bhith ann airson gach leasachaidh mhòir, airson faicinn dè dìreach a' bhuaidh a bheir an leasachadh air a' chànain," thuirt e.