Càrlabhagh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Càrlabhagh leis a' choimhearsnachd

1 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gheibh muinntir Oighreachd Chàrlabhaigh sealbh oifigeil air an oighreachd aca Dihaoine.

Thòisich còmhraidhean leis an uachdaran mu bhith ga gabhail thairis bho chionn trì bliadhna.

Tha beagan is 11,000 acair san oighreachd a tha air taobh siar Leòdhais.

Tha urras na h-oighreachd a-nis a' beachdachadh air dòighean teachd-a-steach a chosnadh, a leigeas leotha tuilleadh leasachaidhean a chur an sàs, agus cosnaidhean a chruthachadh.

Tha iad mar thà air oifigear-leasachaidh fhastadh.

Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.