Laimrig Scoraig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Seòrsa bàta ùr an Scoraig

30 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha bàt-aiseig de sheòrsa ùr a chaidh a dhealbh do mhuinntir Sgoraig ann an sgìre Loch Bhraoin a' feitheamh teisteanais bho Bhuidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich.

Tha i air a dèanamh de dh'aluminium, agus 's e fear de mhuinntir Sgoraig fhèin a dhealbh i, a dh'aona-ghnothaich do chladaichean nach eil idir rèidh.

Tha e an dòchas gum bidh ùidh aig coimhearsnachdan eile innte cuideachd.

Tha Pàdraig MacAmhlaidh ag aithris.