Coinneamh mu Chaisteal Charbasdail

  • 30 An Giblean 2015
Caisteal Charbasdail Image copyright Sotheby's
Image caption Ma thèid aonta a ruighinn tha dùil gum fosgail an taigh-òsta as t-Samhradh 2017.

Chaidh planaichean airson leasachadh air Caisteal Charbasdail ann an Cataibh a shealltainn dhan choimhearsnachd oidhche Chiadain.

Tha a' chompanaidh a th' air cùlaibh a' phlana ag iarraidh £6.5m a chosg a' sgeadachadh an togalaich eachdraidheil gu bhith na thaigh-òsta spaideil.

Ach tha feadhainn anns a' choimhearsnachd gu math teagmhach mun sgeama.

Tha a' chompanaidh cuideachd ag iarraidh pìos de choille a tha timcheall a' chaisteil - agus a tha le Coimisean na Coilltearachd - a cheannach gus gàradh nas motha a dhèanamh don taigh-òsta.

Cosnaidhean

Thar nam bliadhnaichean, tha muinntir an àite air grunnan mhìltean not a thogail airson slighean coise agus baidhseagail a dhèanamh anns a' choille sin a chùm maith na coimhearsnachd.

Bha mu 120 duine aig a' choinneimh phoblaich ann an Drochaid a' Bhanna, a chuir a' chompanaidh a tha airson an caisteal agus am fearann a cheannach - Carbisdale Castle Ltd - air dòigh.

Dhearbh Coimisean na Coilltearachd gun robh còmhraidhean air a bhith ann mu bhith a' ceannach an fhearainn gu prìobhaideach.

Tha a' choimhearsnachd diombach nach d' fhuair iadsan cothrom am fearann a cheannach, agus iad den bheachd gun robh an Coimisean air a dhol an aghaidh nan riaghailtean aca fhèin a thaobh fearann poblach a reic.

Aig a' choinneimh thuirt a' chompanaidh gun robh feum aca air tuilleadh fearainn, leis nach buin ach còig troighean de dh'fhearann a-mach o bhallachan a' chaisteil don togalach an-dràsta.

Thuirt iad cuideachd gun robh iad ag iarraidh nas lugha fearainn na bha daoine a' cumail a-mach - dìreach 50 acaire - agus gum biodh mu 30 acaire dheth sin fhathast fosgailte don phoball, far a bheil na slighean baidhseagail agus coise.

Thuirt iad gun cruthaicheadh am pròiseact còrr is 50 cosnadh làn-ùine, agus 's dòcha 40 eile pàirt-ùine.

Ma thèid aonta a ruighinn eadar a' chompanaidh agus Coimisean na Coilltearachd air am fearann a cheannach, tha dùil gum fosgladh an taigh-òsta as t-Samhradh 2017.