Coimhearsnachd mì-thoilichte mu phlana Chaisteil Charbasdail

  • 27 An Giblean 2015
Caisteal Charbasdail Image copyright Sotheby's
Image caption Tha muinntir na sgìre ag iarraidh a' choille a chumail ann an làmhan poblach.

Tha coltas àimhreit eadar coimhearsnachd Chatach agus luchd-leasachaidh a tha am beachd seann Ostail Òigridh Chaisteil Charbasdail a cheannach.

Dhuin Ostail Òigridh Chaisteil Charabasdail bho chionn ceithir bliadhna, agus Comann Ostail Òigridh na h-Alba ag ràdh gun robh e ro chosgail dhaibh a ruith.

Is coltach gu bheil an Comann a-niste gu math faisg air aonta 'son a reic, ach tha a' bhuidheann a dh'iarradh a cheannach airson taigh-òsta spaideil a dhèanamh dheth, cuideachd airson coille mun cuairt air - a tha le Coimisean na Coilltearachd - a cheannach airson gàraidhean nas motha a dhèanamh dha.

Dhearbh an Coimisean gu bheil còmhraidhean air a bhith ann mu a bhith a' ceannach an fhearainn sin.

Tha buidheann de mhuinntir an àite a-niste a' beachdachadh air an talamh sin a cheannach dhan choimhearsnachd seach leigeil leis a dhol fo smachd prìobhaiteach.

Thèid coinneimh phoblach a chumail mun chùis ann an Drochaid a' Bhanna oidhche Chiadain.