Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tesco

Dh'fhulaing Tesco an call as motha ann an eachdraidh na companaidh air a' bhliadhna-ionmhais a dh'fhalbh, 's iad a' foillseachadh call de £3.1bn. Thuirt Tesco gun do rinn iad prothaid ro chìsean de £961m - sìos 68% - ach gum b' fheudar dhaibh £4.7bn a ghearradh far luach nam bùithdean aca, 's iad cuideachd a' foillseachadh easbhaidh de £3.8bn ann an sgeama peinnsein na companaidh. Tha earrainnean Tesco air a dhol an-àirde 2.5% bho thàinig an naidheachd a-mach, 's faireachdainn ann gun tòisich cùisean a' fàs nas fheàrr dhan chompanaidh o seo a-mach.

Iomairt an Taghaidh

Tha pàrtaidhean poileataigeach na h-Alba ag amas air boireannaich, slàinte, agus cìsean an-diugh, agus iomairt an taghaidh choitchinn a' leantainn. Ann an Glasachu, dh'fhoillsich Pàrtaidh Làbarach na h-Alba am manifesto aca airson bhoireannach. Bha an SNP ann an Dùn Èideann 's iad ag iarraidh air na Làbaraich a' cheart uimhir a chosg air an NHS 's a tha na Nàiseantaich a' gealltainn. Bidh Tòraidhean na h-Alba cuideachd a-mach air slàinte an-diugh 's iad a' gealltainn barrachd airgid dhan NHS, leis na Lib-Deamaich ag ràdh gun lùghdaich iadsan cìsean do dhaoine bochda.

Claudia Lawrence

Chaidh triùir fhireannach a chur an grèim ann an ceann a tuath Yorkshire fo amharas gun do mhuirt iad Claudia Lawrence o chionn sia bliadhna. Chaidh Claudia, a bha 35, fhaicinn mu dheireadh anns a' Mhàrt 2009, agus i a' fàgail a dachaigh ann an York airson a dhol a dh'obair. Thuirt na Poilis gu bheil an triùir a chaidh a chur an grèim uile eadar 50 agus 60 bliadhna de dh'aois. Chaidh fireannach eile a chur an grèim agus a leigeil ma sgaoil air urras air a' mhìos a chaidh, co-cheangailte ri cùis a' Bh.Mh. Lawrence.

An Fhraing

Thuirt poilis ann am Paras gu bheil iad air bacadh a chur air plana airson ionnsaighean ceannairc a thoirt air eaglaisean anns an Fhraing. Tha iad air Algerianach, aois 24, a chur an grèim. Tha e cuideachd fo chasaid gun do mharbh e boireannach òg goirid mus deach a glacadh. Thuirt oifigich Fhraingeach gun deach gunnaichean, agus fiosrachadh mu thargaidean a lorg anns a' chàr aige.

HIAL

Thèid còmhraidhean a chumail an-diugh ann an oidhirp fuasgladh fhaighinn air an eas-aonta eadar Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean Eta agus luchd-obrach tèarainteachd. Thèid deasbad a dhèanamh leis an aonadh Prospect mu thabhartas sgrìobhte HIAL air ìrean pàighidh agus modhan-obrach.