"Tha Gàidhlig an seo"

  • 22 An Giblean 2015
Tùrsachan Chalanais
Image caption Tha Visitscotland ag ràdh gu bheil ùidh mhòr sa Ghàidhlig ann am measg dhaoine a tha a' tadhail air Alba.

Dh'innis Visitscotland gu bheil cothroman mòra ann a' Ghàidhlig a chleachdadh ann an gnìomhachas na turasachd is iad ag obair air a' phlana Ghàidhlig aca ùrachadh.

Chuir a' bhuidheann turasachd nàiseanta a' chiad phlana aca an sàs ann an 2012.

Tha Gàidhlig nas fhollaisiche san obair aca bhon uair sin, le suaicheantas is soidhnichean ann an ionadan turasachd sa chànan agus cothrom conaltradh riutha sa Ghàidhlig air fòn no post-d sa Ghàidhlig.

Chuir iad an sàs cuideachd poileasaidh gus leasanan Gàidhlig a thabhann air luchd-obrach agus luchd-obrach le Gàidhlig a chur air adhart 'son bruidhinn ris na meadhanan.

Barrachd

Tha iad ag aideachadh a-nise ge-tà, gum faodadh iad tòrr a bharrachd a dhèanamh leis a' chànan air feadh a' ghnìomhachais.

"Tha sinn an dèidh tòrr a dhèanamh air an taobh a-staigh den bhuidhinn agus tha sinn a-nise 'son foillseachadh gu bheil sin againn is gun urrainn dhuinn barrachd a dhèanamh airson còirichean na Gàidhlig a thogail tron bhuidhinn a th'againn", thuirt Stiùiriche Leasachaidh Turasachd as na h-Eileanan an Iar, Ailean MacChoinnich.

Am measg nam molaidhean aca a-nise 's e gum biodh soidhnichean ann ag ràdh "Tha Gàidhlig an seo" ann an àiteachan far an cluinn daoine an cànan.

Ùidh

Thuirt iad gu bheil rannsachadh air sealltainn gu bheil 26% de dh'Aimeireaganaich is 25% de Chanadianach air innse gu bheil ùidh mhòr aca ann an cultar is cànan na Gàidhlig.

"Tha sinne airson sealltainn dhaibh gu bheil cultar an seo a tha eadar-dhealaichte bho àiteachan eile, gu bheil a' bhun-stèidh ann, ach gu bheil sinn cuideachd a' dèanamh oidhirpean airson a' Ghàidhlig a mhisneachadh agus a bhrosnachadh agus daoine air faighinn air barrachd gabhail pàirt a dhèanamh", thuirt Mgr MacChoinnich.

"Ma gheibh sinn air cur tarsainn gur e bun-stèidh a' chultair againn gur e sin a' Ghàidhlig, is gum faigh daoine air a bhith a' faighinn blasad den chultar agus den chànan nuair a tha iad a' tighinn air làithean-saora, tha e a' dol a dhèanamh cuideachadh dhuinn", thuirt e.

Tosgaire

Tha iad cuideachd am beachd oifigear Gàidhlig fhastadh eadar iad fhèin is buidheann phoblach eile is "tosgaire Gàidhlig" a chur air am bòrd-stiùiridh fhèin.

Cuiridh iad cuideachd barrachd Ghàidhlig air an làraich-lin aca is nì iad oidhirp dualchas Gàidhlig na h-Alba a bhrosnachadh sa mhargaidheachd aca.

Faodaidh daoine sùil a thoirt air a' phlana agus am beachd a thoirt seachad do Visitscotland an seo.

Tha a' bhuidheann an dùil am plana deireannach a chur an sàs ann an 2018

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile