Dà uard a-nis dùinte san Ràthaig Mhòr

  • 21 An Giblean 2015

Tha dà uard aig Ospdal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis a-niste dùinte do dh'euslaintich ùra agus Noro-bhìoras ma sgaoil.

Thathas a' smaointinn gu bheil an galar air buaidh a thoirt air co-dhiù 20 euslainteach.

Chaidh Uard 2C a dhùnadh do dh'euslaintich a bharrachd Dihaoine, is an galar air buaidh a thoirt air 15 duine ann. Tha uard 7 a-nise dùinte cuideachd, is còignear a' fulang an sin.

Ma tha daoine den bheachd gu bheil e fìor dheatamach gun tadhail iad air cuideigin a th' anns na uardan, bu chòir dhaibh an toiseach fònadh dhan ospadal.

Dh'iarr am Bòrd Slàinte air daoine fuireach air falbh bhon ospadal ma tha iad fhèin, neo cuideigin a bha a' fuireach còmhla riutha, air a bhith a' dìobhairt neo leis a' bhuinnich anns an dà là mu dheireadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile