Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iomairt an Taghaidh

Tha an SNP a' foillseachadh manifesto an taghaidh aca ann an Dùn Èideann an-dràsta fhèin, le gealltanas air poileasaidh adhartach airson na Rìoghachd Aonaichte air fad. Tha iad ag ràdh gun cuir iad stad air gearraidhean, agus gun cosg iad barrachd air slàinte. Tha Nicola Sturgeon ag ràdh gu bheil an SNP deònach co-obrachadh le riaghaltas Làbarach ann an Westminster. Tha Dàibhidh Camshron ag ràdh ge-tà gun cuir esan dìon air luchd-bhòtaidh ann an Sasainn, Èirinn a Tuath 's anns a' Chuimrigh, agus e ag ràdh nach eil e airson gum fulaing iadsan le co-dhùnaidhean a thigeadh às Alba.

Cuideachd an-diugh ann an iomairt an taghaidh tha na Libearalaich Dheamocratach ann an Alba a' moladh gun toireadh am banca gnothachais - am British Business Bank - tuilleadh taic do chompanaidhean ann an Alba. Tha Ceannard Albannach nan Tòraidhean Ruth Davidson ag ràdh gun dèanadh aonta eadar na Làbaraich agus an SNP cron air Alba. Agus tha Ceannard nan Làbarach Ed Miliband a' bruidhinn ri co-labhairt Caidreachas Aonaidhean Ciùird na h-Alba ann an Inbhir Àir.

Tubaist air an M8

Tha rathad an M8 dùinte air an t-slighe dhan iar ann an Glaschu an dèidh tubaiste san robh còig càraichean agus làraidh mu 09:00m an-diugh. Tha aithrisean ann gun deach triùir co-dhiù a thoirt dhan ospadal. Tha na seirbheisean èiginn uile an làthair eadar ceann-rathaid 17 aig Cowcaddens agus 18 aig Charing Cross. Tha maill mhòr ann ged a tha poilis a' stiùireadh na trafaig air falbh bhon sgìre a' cleachdadh Great Western Road.

Luchd-in-imrich

Tha ministearan an Aonaidh Eòrpaich a' coinneachadh an-diugh a dheasbad na h-èiginn le luchd-imrich anns a' Mhuir Mheadhan-Thìrich. Tha dragh ann gun deach còrr is 700 duine a bhàthadh an-dè nuair a chuir am bàta air an robh iad car far Libia. Tha mu 1,500 duine air am beatha a chall a-niste air a' bhliadhna seo. Gheàrr an t-Aonadh Eòrpach air ais air an obair-theasairginn agus cobhair an-uiridh agus iad an dòchas gun cuireadh sin bacadh air imrich.

Oifigear-Taghaidh nan Eilean Siar

Chaidh iarraidh air Oifigear-Taghaidh nan Eilean Siar, Malcolm Burr, a dhreuchd fhàghail rè ùine agus dragh ann gun deach riaghailtean an taghaidh a bhriseadh. Tha an Comh. Tormod MacLeòid mì-thoilichte gun do choinnich Mgr Burr - a tha cuideachd na àrd-oifigear air a' Chomhairle - ri Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, ann an Uibhist an t-seachdain seo chaidh. Bha tagraiche an SNP sna h-Eileanan an Iar, Aonghas Brianan MacNèill, an làthair, ach cha deach fiadhachadh a thoirt do dhuine de na tagraichean eile. Tha Mgr MacLeòid ag ràdh gum bu chòir do Mhgr Burr seasamh an dara taobh gus am bi rannsachadh neo-eisimeileach ann air a' chùis.

Alt-aiseig Ulapuil

Bidh alt-aiseig Ulapuil dùinte airson mìos bho an-diugh 's an obair-leasachaidh a' tòiseachadh an sin. Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' cur sheirbheisean aiseig eadar-amail do charbadan eadar Steòrnabhagh agus Ùige, a' fàgail seirbheis do luchd-siubhail air chois a-mhàin eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.