Riaghailtean taghaidh gam briseadh?

  • 20 An Giblean 2015
Bogsaichean-baileat
Image caption Tha Mgr MacLeòid ag ràdh gum biodh e iomchaidh do Mhgr Burr seasamh an dàrna taobh gus an deadh rannsachadh a dhèanamh mu co-dhiù bha e iomchaidh dha a bhith aig a' choinneimh.

Chaidh iarraidh air Oifigear-Taghaidh nan Eilean Siar, Malcolm Burr, a dhreuchd fhàgail gu h-eadar-amail, agus draghan air nochdadh gun deach riaghailtean an taghaidh a bhriseadh.

Tha an Comh. Tormod MacLeòid a' togail ceist gun do choinnich Mgr Burr - a tha cuideachd na àrd-oifigear air a' Chomhairle - ri Ministear Còmhdhail na h-Alba Derek MacAoidh.

Bha tagraiche an SNP airson nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, an làthair aig a' choinneimh ann an Uibhist leis an uachdaran coimhearsnachd Stòras Uibhist, ach cha deach fiathchadh a thoirt do gin de na tagraichean eile.

Sgrìobh Mgr MacLeòid litir gu comhairlichean eile, ag ràdh gun robh còir aig Mgr Burr tarraing a-mach às a' choinneimh nuair a mhothaich e nach robh tagraichean sam bith eile an làthair, air sgàth cliù na Comhairle.

Rannsachadh Neo-eisimeileach

Am measg na bhathas a' bruidhinn mu dheidhinn aig a' choinneimh, bha aiseag stèidhichte eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

Dh'èirich a' chonnspaid an dèidh do dh'fhear de chomhairlichean Uibhist, Raghnall MacFhionnghain, gearain nach d' fhuair e cuireadh chun na coinneimh.

Thuirt e nuair a chuir e fòn gu Roinn na Còmhdhail ag iarraidh mìneachaidh, gun deach innse dha gun robh còir aige bruidhinn ri oifis an SNP ann an Steòrnabhagh, no comhairliche SNP na sgìre, Dòmhnall Manford.

Tha Mgr MacLeòid ag ràdh gum biodh e iomchaidh do Mhgr Burr obair an oifigeir-taghaidh a leigeil seachad gus an tèid rannsachadh neo-eisimeileach a dhèanamh air a' chùis.

Thuirt Roinn na Còmhdhail nach b' e coinneamh pàrtaidh-phoileataigeach sam bith a bh' ann, agus gun robh Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul - nach eil a' taobhadh ri pàrtaidh sam bith - an làthair.

Thuirt Mgr Caimbeul gun robh e na bhriseadh dùil dha nach tàinig Mgr MacLeòid a bhruidhinn ris-san an-toiseach mus do sgrìobh e litir gu comhairlichean mun chùis, agus gun robh e deònach bruidhinn ri comhairliche sam bith air a bheil dragh.

Thuirt e nach robh e a' faicinn adhbhar sam bith gun seasadh Mgr Burr an dàrna taobh.