Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Karen Buckley

Tha dùil ri fear a tha 21 bliadhna de dh'aois ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Glaschu an-diugh co-cheangailte ri murt an oileanaich Karen Buckley. Chaidh corp Karen, a bha 24, agus a bhuineadh do Chorcaigh ann am Poblachd na h-Èireann, fhaighinn an-dè air tuathanas faisg air Muileann Dhàibhidh, tuath air Glaschu.

Cion-cosnaidh

Thuit an àireamh sluaigh a tha gun chosnadh air feadh na Rìoghachd Aonaichte eadar an Dùbhlachd agus an Gearran. Thàinig an àireamh a-nuas 76,000, gu 1.84 millean, no 5.65% den t-sluagh-obrach. Bha an àireamh ann an Alba a bha a' sireadh obrach suas 9,000 gu 167,000 - sin 6% den t-sluagh-obrach. Bha an àireamh ann an obair an Alba suas cuideachd ge-tà, còrr is 3,000 gu 2.6 millean.

Iomairt an Taghaidh

Bha briathran làidir eadar na Làbaraich 's an SNP an-raoir mu chuideachadh a chèile mura bi mòr-chuid aig aon phàrtaidh san ath-Phàrlamaid. Thuirt Ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, ann an deasbad air an telebhisean gu bheil i deònach Ed Miliband a chuideachadh airson smachd a chur air na Tòraidhean, ach dhiùlt Mgr Miliband a taic. Tha Jim Murphy a' foillseachadh manifesto Làbarach na h-Alba an-diugh. Tha esan ag ràdh gu bheil cothrom aig muinntir na h-Alba bhòtadh airson atharrachaidh, no stad a chur air sin le bhòtadh airson an SNP. Tha na Tòraidhean ann an Dùn Èideann a' foillseachadh postair ùir airson an taghaidh. Tha Ceannard nan Libearalach Deamocratach, Nick Clegg, ann an Siorrachd Obar Dheathain far a bheil iad a' dìon dà roinn. Agus tha Nicola Sturgeon ag iomairt ann an Irbhinn - am baile dham buin i fhèin.

Rannsachadh Tubaist Bhàsmhoir

Tha Oifis a' Chrùin a' beachdachadh air am bu chòir rannsachadh tubaist bhàsmhoir a chumail mu bhàs chòignear anns an aon teaghlach ann an Uibhist a Deas bho chionn còrr is deich bliadhna. Chaill Eardsaidh agus Murdina Nic a' Phearsain, an dithis chloinne, agus athair Murdina am beatha nuair a dh'fhalbh a' mhuir leis a' chàr aca anns an stoirm mhòir anns an Fhaoilleach ann an 2005.

Teine Inbhir Nis

Bidh pàirt de mheadhan Inbhir Nis dùinte gu toiseach na seachdain air a' char as tràithe an dèidh teine mhòir air Sràid na h-Acadamaidh a' bhòn-raoir. Chaidh fear de na togalaichean as sine ann am meadhan a' bhaile a dhroch mhilleadh, agus tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gur e a dhèanamh sàbhailte a-rithist a' chiad rud a dh'fheumas iad a dhèanamh.